Search form

Àireamh 11

1Agus nuair a rinn an sluagh gearan, mhì-thaitinn e ris an Tighearna, agus chuala an Tighearna e: agus las a fhearg, agus loisg teine an Tighearna nam measg, agus chuir e as dhaibhsan a bha an iomall a’ champa:

2Agus ghlaodh an sluagh ri Maois; agus nuair a rinn Maois ùrnaigh ris an Tighearna, chaisgeadh an teine.

3Agus thug e Taberah mar ainm air an àite sin; a chionn gun do loisg teine an Tighearna nam measg.

4Agus ghlac cìocras an cumasg sluaigh a bha nam measg: agus ghuil mar an ceudna clann Israeil a‑rìs, agus thubhairt iad, Cò a bheir dhuinn feòil ra h‑ithe?

5Is cuimhne leinn an t‑iasg a dh’ith sinn anns an Eiphit gu saor; na cularain, agus na meal-bhucain, agus na lèicis, agus na h‑uinneinean, agus an creamh:

6Ach a‑nis tha ar n‑anam air tiormachadh; chan eil nì air bith againn ach am mana seo nar sealladh.

7Agus bha am mana cosmhail ri frois coriandeir, agus a dhath mar dhath bdellium.

8Chaidh an sluagh mun cuairt, agus thionail iad e, agus mheil iad e ann am muilnean, no phronn iad e ann am mortair, agus bhruith iad e ann an aighnean, agus rinn iad breacagan dheth: agus bha a bhlas mar bhlas ola ùir.

9Agus nuair a thuit an drùchd air a’ champ anns an oidhche, thuit am mana air.

10An sin chuala Maois an sluagh a’ gul air feadh an teaghlaichean, gach duine ann an doras a bhùtha: agus las fearg an Tighearna gu mòr; bha Maois mar an ceudna diombach.

11Agus thubhairt Maois ris an Tighearna, Carson a bhuin thu gu h‑olc rid sheirbhiseach? Agus carson nach d’fhuair mi deagh-ghean ad shealladh, gun do leag thu èire an t‑sluaigh seo uile orm?

12Am mise a ghin an sluagh seo uile? An ann dhomh a rugadh iad, gun abradh tu rium, Giùlain ad uchd iad (mar a ghiùlaineas oide-altraim leanabh na cìche) a‑chum an fhearainn a mhionnaich thu dan athraichean?

13Cia as a gheibhinn-sa feòil gu a tabhairt don t‑sluagh seo uile? Oir tha iad a’ gul rium, ag ràdh, Thoir dhuinn feòil, a‑chum is gun ith sinn?

14Chan urrainn mise cudthrom an t‑sluaigh seo uile a ghiùlan am aonar, a chionn gu bheil e ro‑throm air mo shon.

15Agus ma bhuineas tu rium mar seo, marbh mi, guidheam ort, as an làimh, ma fhuair mi deagh-ghean ad shealladh; agus na faiceam mo thruaighe.

16Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Cruinnich dhòmhsa deich agus trì-fichead fear de sheanairean Israeil, muinntir as aithne dhut a bhith nan seanairean an t‑sluaigh, agus nan luchd-riaghlaidh os an cionn; agus thoir iad gu pàillean a’ choitheanail, a‑chum is gun seas iad an sin maille riut.

17Agus thig mise a‑nuas agus labhraidh mi riut an sin: agus gabhaidh mi den spiorad a tha ortsa, agus cuiridh mi orrasan e; agus giùlainidh iad eallach an t‑sluaigh maille riut, a‑chum is nach giùlain thu fhèin e ad aonar.

18Agus abair ris an t‑sluagh, Naomhaichibh sibh fhèin air cheann an là màireach, agus ithidh sibh feòil: (oir ghuil sibh ann an èisdeachd an Tighearna, ag ràdh, Cò a bheir dhuinn feòil ra h‑ithe? Oir bu mhath ar cor anns an Eiphit:) uime sin bheir an Tighearna feòil dhuibh, agus ithidh sibh.

19Chan ith sibh aon là, no dà là, no còig làithean, no deich làithean, no fichead là,

20Ach eadhon mìos iomlan, gus an tig i a‑mach à cuinneinean ur sròn, agus gum bi i gràineil dhuibh; a chionn gun do rinn sibh tàir air an Tighearna a tha nur measg, agus gun do ghuil sibh na làthair, ag ràdh, Carson a thàinig sinn a-mach as an Eiphit?

21Agus thubhairt Maois, Tha an sluagh am measg a bheil mise nan sia ceud mìle coisiche; agus thubhairt thu, Bheir mi dhaibh feòil, a‑chum is gun ith iad rè mìos iomlain:

22Am marbhar na caoraich agus am buar dhaibh, a‑chum an sàsachadh? No an cruinnichear iasg na mara uile ri chèile dhaibh, a‑chum an sàsachadh?

23Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, A bheil làmh an Tighearna air fàs goirid? Chì thusa a‑nis an tig no nach tig m’fhacal gu crìch dhut.

24Agus chaidh Maois a‑mach, agus dh’innis e don t‑sluagh facail an Tighearna, agus chruinnich e an deich agus an trì-fichead de sheanairean an t‑sluaigh, agus thug e orra seasamh mu thimcheall a’ phàillein.

25Agus thàinig an Tighearna a‑nuas ann an neul, agus labhair e ris, agus ghabh e den spiorad a bha air, agus thug e e don deich agus an trì-fichead seanair: agus thàrladh, nuair a ghabh an spiorad còmhnaidh orra, gun do rinn iad fàidheadaireachd, agus nach do sguir iad.

26Ach dh’fhan dithis de na daoine anns a’ champ; b’e ainm aoin dhiubh Eldad, agus ainm an fhir eile Medad: agus ghabh an spiorad còmhnaidh orra (agus bha iad dhiubhsan a chaidh a sgrìobhadh, ach cha deachaidh iad a‑mach don phàillean), agus rinn iad fàidheadaireachd anns a’ champ.

27Agus ruith òganach, agus dh’innis e do Mhaois, agus thubhairt e, Tha Eldad agus Medad ri fàidheadaireachd anns a’ champ.

28Agus fhreagair Iosua mac Nuin, seirbhiseach Mhaois, aon de a òganaich, agus thubhairt e, Mo thighearna, a Mhaois, bac iad.

29Agus thubhairt Maois ris, A bheil farmad ort air mo shon-sa? Is e mo ghuidhe ri Dia gum biodh sluagh an Tighearna uile nam fàidhean, agus gun cuireadh an Tighearna a spiorad orra!

30Agus chaidh Maois don champ, e fhèin agus seanairean Israeil.

31Agus chaidh gaoth a‑mach on Tighearna, agus thug i gearra-goirt on fhairge, agus leig i leo tuiteam làimh ris a’ champ, mar astar là air an taobh seo, agus mar astar là air an taobh eile mun cuairt air a’ champ, agus mar dhà làimh-choille air àirde, air aghaidh na talmhainn.

32Agus sheas an sluagh suas air an là sin uile, agus air an oidhche sin uile, agus air an là a b’fhaisge uile, agus thionail iad na gearra-goirt: esan a bu lugha a thionail, thionail e deich homeir, agus sgaoil iad gu farsaing dhaibh fhèin iad mu thimcheall a’ champa.

33Nuair a bha an fheòil fhathast eadar am fiaclan, mun do chagnadh i, las fearg an Tighearna an aghaidh an t‑sluaigh, agus bhuail an Tighearna an sluagh le plàigh ro‑mhòir.

34Agus thug e Cibrot-hataabhah mar ainm air an àite sin; a chionn ann an sin gun d’adhlaic iad an sluagh a mhiannaich.

35Agus dh’imich an sluagh o Chibrot-hataabhah gu Haserot: agus dh’fhan iad ann an Haserot.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index