Search form

Àireamh 13

1Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

2Cuir daoine uat, a‑chum is gun rannsaich iad tìr Chanàain, a bheir mise do chloinn Israeil; as gach uile threubh den athraichean cuiridh sibh duine, gach aon dhiubh na cheannard nam measg.

3Agus chuir Maois iad o fhàsach Phàrain, a rèir àithne an Tighearna: bu cheannardan na daoine sin uile air cloinn Israeil.

4Agus is iad seo an ainmean: De threubh Reubein, Samua mac Shacuir.

5De threubh Shimeoin, Saphat mac Hori.

6De threubh Iùdah, Càleb mac Iephuneh.

7De threubh Isachair, Igal mac Iòseiph.

8De threubh Ephraim, Hosèa mac Nuin.

9De threubh Bheniàmin, Palti mac Raphu.

10De threubh Shebuluin, Gadiel mac Shodi.

11De threubh Iòseiph, eadhon de threubh Mhanaseh, Gadi mac Shusi.

12De threubh Dhan, Amiel mac Ghemali.

13De threubh Aseir, Setur mac Mhichaeil.

14De threubh Naphtali, Nahbi mac Uopsi.

15De threubh Ghad, Geuel mac Mhachi.

16Is iad sin ainmean nan daoine a chuir Maois a ghabhail beachd air an fhearann. Agus thug Maois Iehosua mar ainm air Hosèa, mac Nuin.

17Agus chuir Maois iad a ghabhail beachd air talamh Chanàain, agus thubhairt e riu, Rachaibh suas anns an t‑slighe seo mu dheas, agus gabhaibh suas a‑chum na beinne;

18Agus faicibh am fearann, ciod e, agus an sluagh a tha nan còmhnaidh ann, a bheil iad làidir no anfhann, tearc no lìonmhor;

19Agus ciod e am fearann anns a bheil iad a chòmhnaidh, a bheil e math no olc; agus ciod iad na bailtean anns a bheil iad nan còmhnaidh, an ann am bùthan, no ann an daingnichean làidir;

20Agus ciod e an talamh, a bheil e reamhar no bochd, a bheil coille ann no nach eil. Agus biodh agaibh deagh mhisneach, agus thugaibh leibh de thoradh an fhearainn. (A‑nis b’e an t‑àm àm nan ciad dhearcan-fìona abaich.)

21Mar sin chaidh iad suas, agus rannsaich iad am fearann o fhàsach Shin gu Rehob, mar a thèid daoine gu Hamat.

22Agus chaidh iad suas mu dheas, agus thàinig iad gu Hebron, far an robh Ahiman, Sesai, agus Talmai, mic Anaic. (A‑nis thogadh Hebron seachd bliadhna ro Shòan anns an Eiphit.)

23Agus thàinig iad gu sruth Escoil, agus gheàrr iad sìos as a sin geug le aon bhagaid fhìondhearc, agus ghiùlain iad i eadar dithis air luirg: agus thug iad leo de na pomgranatan, agus de na fìgean.

24Thugadh sruth Escoil mar ainm air an àite sin, airson a’ bhagaid fhìon-dhearcan a gheàrr clann Israeil sìos as a sin.

25Agus thill iad o rannsachadh an fhearainn an dèidh dà‑fhichead là.

26Agus dh’imich iad, agus thàinig iad gu Maois, agus gu Aaron, agus gu co‑chruinneachadh chloinn Israeil uile, gu fàsach Phàrain, gu Cadeis; agus thug iad leo fios dan ionnsaigh, agus a dh’ionnsaigh a’ cho-chruinneachaidh uile, agus dh’fheuch iad dhaibh toradh na tìre.

27Agus dh’innis iad dha, agus thubhairt iad, Thàinig sinne a dh’ionnsaigh an fhearainn gus an do chuir thu sinn, agus gu deimhinn tha e a’ sruthadh le bainne agus le mil; agus is e seo a thoradh.

28Gidheadh, tha an sluagh làidir a tha nan còmhnaidh anns an fhearann, agus tha na bailtean air an cuartachadh le ballachan, agus ro‑mhòr: agus os bàrr, chunnaic sinn clann Anaic an sin.

29Tha na h‑Amalecich nan còmhnaidh ann am fearann na h‑àird a deas; agus tha na Hitich, agus na h‑Iebusaich, agus na h‑Amoraich, nan còmhnaidh anns na beanntan; agus tha na Canàanaich nan còmhnaidh làimh ris an fhairge, agus ri taobh Iòrdain.

30Agus chiùinich Càleb an sluagh an làthair Mhaois, agus thubhairt e, Rachamaid suas a dh’aon fheachd, agus sealbhaicheamaid e; oir is urrainn sinn gu cinnteach a cheannsachadh.

31Ach thubhairt na daoine a chaidh suas maille ris, Chan urrainn sinn dol suas an aghaidh an t‑sluaigh; oir is treasa iad na sinne.

32Agus thug iad droch sgeul air an fhearann a rannsaich iad gu cloinn Israeil, ag ràdh, Am fearann tron deachaidh sinne ga rannsachadh, is fearann e a tha ag ithe suas a luchd-àiteachaidh, agus an sluagh uile a chunnaic sinn ann, is daoine iad de mheudachd mhòir.

33Agus chunnaic sinn na famhairean an sin, mic Anaic, a thàinig o na famhairean; agus bha sinne nar sealladh fhèin mar fhionnain-fheòir, agus bha sinn mar sin nan sealladh-san.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index