Search form

Àireamh 14

1Agus thog an co‑chruinneachadh uile suas an guth, agus ghlaodh iad; agus ghuil an sluagh air an oidhche sin.

2Agus rinn clann Israeil uile gearan an aghaidh Mhaois, agus an aghaidh Aaroin; agus thubhairt an co‑chruinneachadh uile riu, Och nach d’fhuair sinn bàs ann an tìr na h‑Eiphit, no nach d’fhuair sinn bàs anns an fhàsach seo!

3Agus carson a thug an Tighearna sinn don fhearann seo, a thuiteam leis a’ chlaidheamh, a‑chum gum biodh ar mnathan agus ar clann bheag nan cobhartaich? Nach b’fheàrr dhuinn tilleadh don Eiphit?

4Agus thubhairt iad gach fear ri chèile, Dèanamaid dhuinn fhèin ceannard, agus tilleamaid don Eiphit.

5An sin thuit Maois agus Aaron air an aghaidh an làthair coitheanal co‑chruinneachadh chloinn Israeil uile.

6Agus reub Iosua mac Nuin, agus Càleb mac Iephuneh, a bha dhiubhsan a rannsaich am fearann, an aodach.

7Agus labhair iad ri cuideachd chloinn Israeil uile, ag ràdh, Am fearann a chaidh sinne troimhe ga rannsachadh, is fearann ro‑mhath e.

8Ma tha tlachd aig an Tighearna annainn, an sin bheir e sinn a dh’ionnsaigh an fhearainn seo, agus bheir e dhuinn e; fearann a tha a’ sruthadh le mil agus le bainne.

9A‑mhàin na dèanaibh ceannairc an aghaidh an Tighearna, agus na biodh eagal sluagh an fhearainn oirbh; oir is aran dhuinn iad: dh’fhalbh an dìon uapa, agus tha an Tighearna maille rinne; na biodh eagal oirbh romhpa.

10Ach dh’iarr an co‑chruinneachadh uile an clachadh le clachan. Agus dh’fhoillsicheadh glòir an Tighearna ann am pàillean a’ choitheanail, an làthair chloinn Israeil uile.

11Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Cia fhad a bhrosnaicheas an sluagh seo mi? Agus cia fhad a bhitheas e mun creid iad mi, airson nan comharraidhean uile a nochd mi nam measg?

12Buailidh mi iad leis a’ phlàigh, agus fògraidh mi iad, agus nì mi thusa ad chinneach nas mò, agus nas cumhachdaiche na iadsan.

13Agus thubhairt Maois ris an Tighearna, An sin cluinnidh na h‑Eiphitich e (oir thug thusa a‑nìos an sluagh seo led chumhachd o bhith nam measg).

14Agus innsidh iad e do luchd-àiteachaidh an fhearainn seo: oir chuala iad gu bheil thusa, a Thighearna, am measg an t‑sluaigh seo; gu bheil thusa, a Thighearna, air d’fhaicinn aghaidh ri aghaidh; agus gu bheil do neul a’ seasamh os an cionn; agus gu bheil thu ag imeachd romhpa, ann am meall neòil anns an là, agus ann am meall teine anns an oidhche.

15A‑nis, ma mharbhas tu an sluagh seo uile mar aon duine, an sin labhraidh na cinnich a chuala iomradh ort, ag ràdh,

16A chionn nach b’urrainn an Tighearna an sluagh seo a thoirt don fhearann a mhionnaich e dhaibh, uime sin mharbh e iad anns an fhàsach.

17Agus a‑nis, guidheam ort, biodh cumhachd mo Thighearna mòr, a rèir mar a labhair thu, ag ràdh,

18Tha an Tighearna fad-fhulangach agus mòr-thròcaireach, a’ toirt maitheanais ann an aingidheachd, agus ann an easaontas, agus air chor sam bith nach saor an ciontach; a’ leantainn aingidheachd nan athraichean air a’ chloinn, air an treas, agus air a’ cheathramh ginealach.

19Maith, guidheam ort, aingidheachd an t‑sluaigh seo, a rèir meud do thròcair, agus a rèir mar a thug thu maitheanas don t‑sluagh seo on Eiphit gus a‑nis.

20Agus thubhairt an Tighearna, Mhaith mi, a rèir d’fhacail:

21Ach cho fìor is a tha mi beò, lìonar an talamh uile le glòir an Tighearna.

22Oir na daoine sin uile a chunnaic mo ghlòir, agus mo chomharraidhean a rinn mi anns an Eiphit, agus anns an fhàsach, agus a bhuair mi a‑nis na deich uairean seo, agus nach d’èisd rim ghuth;

23Gu cinnteach chan fhaic iadsan am fearann a mhionnaich mi dan athraichean, cha mhò a chì neach air bith dhiubhsan a bhrosnaich mi e:

24Ach mo sheirbhiseach Càleb, a chionn gu robh aigesan spiorad eile maille ris, agus gun do lean e mi gu h‑iomlan, esan bheir mi don fhearann don deachaidh e; agus sealbhaichidh a shliochd e.

25(A‑nis bha na h‑Amalecich agus na Canàanaich nan còmhnaidh anns a’ ghleann.) A‑màireach tillibh, agus rachaibh don fhàsach, air slighe na mara ruaidhe.

26Agus labhair an Tighearna ri Maois, agus ri Aaron, ag ràdh,

27Cia fhad a ghiùlaineas mi leis an droch cho-chruinneachadh seo, a tha ri gearan am aghaidh? Chuala mi gearain chloinn Israeil, leis a bheil iad ri gearan am aghaidh.

28Abair riu, Cho fìor is a tha mi beò, arsa an Tighearna, mar a labhair sibh am èisdeachd, mar sin nì mi ribh.

29Anns an fhàsach seo tuitidh ur colainnean: agus a’ mheud is a chaidh àireamh dhibh, a rèir ur n‑àireimh iomlain, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, a rinn gearan am aghaidh,

30Gun amharas sam bith cha tig sibh a‑steach don fhearann a mhionnaich mise gun tugainn oirbh còmhnaidh a ghabhail ann, saor o Chàleb mac Iephuneh, agus Iosua mac Nuin.

31Ach ur clann bheag, a thubhairt sibh a bhiodh nan cobhartaich, iadsan bheir mi a‑steach, agus gabhaidh iad eòlas air an fhearann air an do rinn sibhse tàir.

32Agus air ur son-se dheth, tuitidh ur colainnean anns an fhàsach seo.

33Agus bidh ur clann air seachran anns an fhàsach dà‑fhichead bliadhna, agus giùlainidh iad ur strìopachais, gus an caithear ur colainnean anns an fhàsach.

34A rèir àireamh nan làithean anns an do rannsaich sibh am fearann, eadhon dà‑fhichead là (gach là airson bliadhna), giùlainidh sibh ur n‑euceartan, eadhon dà‑fhichead bliadhna, agus bidh fhios agaibh air mo bhriseadh-geallaidh-sa.

35Thubhairt mise an Tighearna e agus gu cinnteach nì mi e don cho-chruinneachadh olc seo uile, a chruinnich am aghaidh: anns an fhàsach seo claoidhear iad, agus an sin gheibh iad bàs.

36Agus na daoine a chuir Maois a rannsachadh an fhearainn, a thill, agus a thug air a’ cho-chruinneachadh uile gearan a dhèanamh na aghaidh, le droch sgeul a thoirt seachad air an fhearann,

37Fhuair eadhon na daoine sin, a thug seachad droch sgeul air an fhearann, bàs leis a’ phlàigh an làthair an Tighearna.

38Ach de na daoine sin a chaidh a rannsachadh an fhearainn, mhair Iosua mac Nuin agus Càleb mac Iephuneh beò.

39Agus dh’innis Maois na briathran sin do chloinn Israeil uile: agus rinn an sluagh caoidh mhòr.

40Agus dh’èirich iad gu moch anns a’ mhadainn, agus chaidh iad suas gu mullach an t‑slèibh, ag ràdh, Feuch, tha sinne an seo, agus thèid sinn suas don àit a gheall an Tighearna; oir pheacaich sinn.

41Agus thubhairt Maois, Carson a‑nis a tha sibh a’ briseadh àithne an Tighearna? Ach cha soirbhich an nì seo leibh.

42Na rachaibh suas, oir chan eil an Tighearna nur measg; a‑chum is nach buailear sibh an làthair ur naimhdean.

43Oir tha na h‑Amalecich agus na Canàanaich an sin romhaibh, agus tuitidh sibh leis a’ chlaidheamh: a chionn gun do chlaon sibh on Tighearna, uime sin cha bhi an Tighearna maille ribh.

44Ach ghabh iad de dhànadas orra dol suas gu mullach an t‑slèibh: gidheadh cha deachaidh àirc coicheangal an Tighearna, no Maois, a‑mach as a’ champ.

45An sin thàinig na h‑Amalecich a‑nuas, agus na Canàanaich, a bha nan còmhnaidh anns an t‑sliabh sin, agus bhuail iad iad, agus chuir iad an ruaig orra, eadhon gu Hormah.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index