Search form

Àireamh 16

1Agus ghabh Corah mac Idsair, mhic Chohait, mhic Lèbhi, agus Datan agus Abiram mic Eliaib, agus On mac Pheleit, mic Reubein, daoine:

2Agus dh’èirich iad suas an làthair Mhaois, maille ri daoine àraidh de chloinn Israeil, dà cheud agus leth-cheud ceannard den choitheanal, inbheach anns a’ cho-chruinneachadh, daoine iomraiteach.

3Agus chruinnich iad iad fhèin an ceann a chèile an aghaidh Mhaois agus an aghaidh Aaroin, agus thubhairt iad riu, Tha sibh a’ gabhail tuilleadh is a chòir oirbh fhèin, do bhrìgh gu bheil an co‑chruinneachadh uile naomh gach aon dhiubh, agus tha an Tighearna nam measg: carson uime sin a tha sibh gur togail fhèin suas os cionn co‑chruinneachadh an Tighearna?

4Agus nuair a chuala Maois e, thuit e air a aghaidh:

5Agus labhair e ri Corah, agus ra chuideachd uile, ag ràdh, Eadhon a‑màireach nochdaidh an Tighearna cò iad as leis, agus cò a tha naomh, agus bheir e air teachd am fagas dha: bheir e eadhon airsan a roghnaich e, teachd am fagas dha.

6Dèanaibh-se seo; gabhaibh dhuibh fhèin tùiseirean, Corah, agus a chuideachd uile:

7Agus cuiribh teine annta, agus cuiribh tùis orra an làthair an Tighearna air an là màireach; agus an duine sin a roghnaicheas an Tighearna bidh esan naomh. Tha sibh a’ gabhail tuilleadh is a chòir oirbh fhèin, sibhse a mhaca Lèbhi.

8Agus thubhairt Maois ri Corah, Eisdibh, guidheam oirbh, sibhse a mhaca Lèbhi:

9An nì beag e nur barail-se gun do sgar Dia Israeil sibh o cho-chruinneachadh Israeil gu ur toirt am fagas dha fhèin, a dhèanamh seirbhis pàillean an Tighearna, agus a sheasamh am fianais a’ cho-chruinneachaidh a fhrithealadh dhaibh?

10Agus thug e thusa am fagas dha fhèin, agus do bhràithrean uile, mic Lèbhi, maille riut; agus a bheil sibh ag iarraidh na sagartachd mar an ceudna?

11Air an adhbhar sin tha thusa, agus do chuideachd uile, air ur cruinneachadh an ceann a chèile an aghaidh an Tighearna: agus a‑thaobh Aaroin, ciod esan, gu bheil sibh ri gearan na aghaidh?

12Agus chuir Maois teachdairean uaithe a ghairm Dhatain agus Abiraim, mic Eliaib, a thubhairt, Cha tèid sinn suas.

13An nì beag e gun tug thu a‑nìos sinn à talamh a tha a’ sruthadh le bainne agus le mil, gar marbhadh anns an fhàsach, mura dèan thu thu fhèin gu h‑iomlan ad uachdaran os ar cionn?

14A thuilleadh air seo, cha tug thu sinn gu fearann a tha a’ sruthadh le mil agus le bainne, cha mhò a thug thu dhuinn oighreachd mhachrach agus fhìonliosan: an cuir thu a‑mach sùilean nan daoine sin? Cha tèid sinne suas.

15Agus bha Maois ro‑dhiombach; agus thubhairt e ris an Tighearna, Na biodh meas agad dan tabhartas; cha do ghabh mise aon asal uapa, cha mhò a rinn mi cron air aon dhiubh.

16Agus thubhairt Maois ri Corah, Bi thusa agus do chuideachd uile an làthair an Tighearna, thusa, agus iadsan, agus Aaron a‑màireach:

17Agus gabhaibh gach duine a thùiseir, agus cuiribh tùis annta, agus thugaibh an làthair an Tighearna gach duine a thùiseir, dà cheud agus leth-cheud tùiseir; thusa mar an ceudna, agus Aaron, gach aon dhibh a thùiseir.

18Agus ghabh gach duine dhiubh a thùiseir, agus chuir iad teine annta, agus chuir iad tùis orra, agus sheas iad ann an doras pàillean a’ choitheanail maille ri Maois agus ri Aaron.

19Agus chruinnich Corah an co‑chruinneachadh uile nan aghaidh gu doras pàillean a’ choitheanail: agus thaisbeineadh glòir an Tighearna don cho-chruinneachadh uile.

20Agus labhair an Tighearna ri Maois, agus ri Aaron, ag ràdh,

21Sgaraibh sibh fhèin o mheasg a’ cho-chruinneachaidh seo, agus sgriosaidh mi iad mar ann am priobadh na sùla.

22Agus thuit iad air an aghaidh, agus thubhairt iad, O Dhè, Dia spioradan gach uile fheòla, am peacaich aon duine, agus am bi fearg agad ris a’ cho-chruinneachadh uile?

23Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

24Labhair ris a’ cho-chruinneachadh, ag ràdh, Rachaibh suas o thimcheall pàillean Chorah, Dhatain agus Abiraim.

25Agus dh’èirich Maois suas, agus chaidh e a dh’ionnsaigh Dhatain agus Abiraim; agus lean seanairean Israeil e.

26Agus labhair e ris a’ cho-chruinneachadh, ag ràdh, Sgaraibh sibh fhèin, guidheam oirbh, o bhùthan nan daoine aingidh ud, agus na beanaibh ri nì sam bith as leo, air eagal gun sgriosar sibh nam peacaidhean uile.

27Mar sin chaidh iad suas o phàillean Chorah, Dhatain, agus Abiraim, air gach taobh: agus thàinig Datan agus Abiram a‑mach, agus sheas iad ann an doras am bùthan, agus am mnathan, agus am mic, agus an clann bheag.

28Agus thubhairt Maois, Le seo bidh fhios agaibh gun do chuir an Tighearna mise a dhèanamh nan obraichean sin uile; oir cha do rinn mi iad as mo cheann fhèin.

29Ma gheibh na daoine sin bàs mar na h‑uile dhaoine eile, no ma dh’fhiosraichear iad a rèir fiosrachadh nan uile dhaoine, an sin cha do chuir an Tighearna mise uaithe.

30Ach ma nì an Tighearna gnìomh nuadh, agus gum fosgail an talamh a bheul, agus gun sluig e suas iad maille ris gach nì as leo, agus gun tèid iad sìos beò don t‑sloc, an sin tuigidh sibh gun do bhrosnaich na daoine sin an Tighearna.

31Agus thàrladh, nuair a sguir e de labhairt nam briathran sin uile, gun do sgoilt an talamh a bha fodhpa, o chèile:

32Agus dh’fhosgail an talamh a bheul, agus shluig e suas iad, agus an taighean, agus na daoine uile a bhuin do Chorah, agus am maoin uile.

33Chaidh iad fhèin, agus gach nì a bhuin dhaibh, beò sìos don t‑sloc, agus dhruid an talamh orra: agus chaidh as dhaibh o mheasg a’ cho-chruinneachaidh.

34Agus theich Israel uile a bha man timcheall, ran glaodh: oir thubhairt iad, Air eagal gun sluig an talamh sinne suas mar an ceudna.

35Agus thàinig teine a‑mach on Tighearna, agus loisg e an dà cheud agus an lethcheud fear a thug seachad tùis.

36Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

37Labhair ri Eleàsar mac Aaroin an sagart, e a thogail suas nan tùiseirean à meadhon an losgaidh, agus sgap thusa an teine an siud; oir tha iad coisrigte.

38Tùiseirean nam peacach ud an aghaidh an anama fhèin, agus dèanadh iad dhiubh leacan leathann mar chòmhdach don altair: oir thug iad seachad iad an làthair an Tighearna, air an adhbhar sin tha iad coisrigte; agus bidh iad nan comharradh do chloinn Israeil.

39Agus ghabh Eleàsar an sagart na tùiseirean umha, leis an tug iadsan a chaidh a losgadh seachad tabhartas: agus rinneadh iad nan leacan leathann mar chòmhdach don altair:

40Gu bhith nan cuimhneachan do chloinn Israeil, air chor is nach tig coigreach, nach eil de shliochd Aaroin, am fagas a losgadh tùis an làthair an Tighearna; a‑chum is nach bi e mar Chorah, agus mar a chuideachd; mar a thubhairt an Tighearna ris le làimh Mhaois.

41Ach air an là màireach, rinn co‑chruinneachadh chloinn Israeil uile gearan an aghaidh Mhaois agus an aghaidh Aaroin, ag ràdh, Mharbh sibh sluagh an Tighearna.

42Agus thàrladh, nuair a chruinnicheadh an co‑chruinneachadh an aghaidh Mhaois agus an aghaidh Aaroin, gun do sheall iad air pàillean a’ choitheanail: agus dh’fhoillsicheadh glòir an Tighearna.

43Agus thàinig Maois agus Aaron gu beulaibh pàillean a’ choitheanail.

44Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

45Rachaibh suas o mheasg a’ cho-chruinneachaidh seo, agus sgriosaidh mi iad mar ann am priobadh na sùla. Agus thuit iad air an aodainnean.

46Agus thubhairt Maois ri Aaron, Glac tùiseir, agus cuir teine ann bhàrr na h‑altarach, agus cuir tùis air, agus imich gu grad a dh’ionnsaigh a’ cho-chruinneachaidh, agus dèan rèite air an son; oir chaidh fearg a‑mach on Tighearna: thòisich a’ phlàigh.

47Agus ghlac Aaron e, mar a dh’àithn Maois, agus ruith e gu meadhon a’ choitheanail; agus feuch, bha a’ phlàigh air tòiseachadh am measg an t‑sluaigh: agus chuir e tùis air, agus rinn e rèite airson an t‑sluaigh.

48Agus sheas e eadar na mairbh agus na beòthan, agus chaisgeadh a’ phlàigh.

49Agus bhàsaich anns a’ phlàigh ceithir-mìle-deug agus seachd ceud, a thuilleadh orrasan a bhàsaich an adhbhar Chorah.

50Agus thill Aaron a dh’ionnsaigh Mhaois, gu doras pàillean a’ choitheanail: agus chaisgeadh a’ phlàigh.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index