Search form

Àireamh 17

1Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

2Labhair ri cloinn Israeil, agus gabh slat o gach aon aca, a rèir taighean an athraichean on ceannardan uile, a rèir taighean an athraichean, dà‑shlait-dheug: sgrìobh ainm gach duine air a shlait fhèin.

3Agus sgrìobhaidh tu ainm Aaroin air slait Lèbhi: oir bidh aon slat airson ceann taighean an athraichean.

4Agus cuiridh tu suas iad ann am pàillean a’ choitheanail, an làthair na Fianais, far an coinnich mise thu.

5Agus tàrlaidh, gun tig slat an duine a thaghas mise fo bhlàth; agus bheir mi air gearain chloinn Israeil sgur uam, leis a bheil iad ri gearan nur n‑aghaidh-se.

6Agus labhair Maois ri cloinn Israeil agus thug gach aon den ceannardan dha slat am fear, aon airson gach ceannaird, a rèir taighean an athraichean, eadhon dà‑shlait-dheug: agus bha slat Aaroin am measg an slat.

7Agus chuir Maois suas na slatan an làthair an Tighearna, ann am pàillean na Fianais.

8Agus air an là màireach chaidh Maois a‑steach do phàillean na Fianais; agus, feuch, bha slat Aaroin, airson taigh Lèbhi, air briseadh a‑mach, agus air cur maoth dhuilleach aisde, agus air teachd fo bhlàth, agus air giùlan almoinean.

9Agus thug Maois a‑mach na slatan uile o làthair an Tighearna gu cloinn Israeil uile; agus dh’amhairc iad orra, agus ghabh gach duine a shlat fhèin.

10Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Thoir slat Aaroin a‑rìs an làthair na Fianais, gu bhith air a gleidheadh mar chomharradh an aghaidh nan ceannairceach; agus bheir thu air falbh gu tur an gearain uamsa, a‑chum is nach bàsaich iad.

11Agus rinn Maois mar sin: mar a dh’àithn an Tighearna dha, mar sin rinn e.

12Agus labhair clann Israeil ri Maois, ag ràdh, Feuch, tha sinn a’ bàsachadh, thèid as dhuinn, thèid as dhuinn uile.

13Ge bè air bith a thig am fagas do phàillean an Tighearna, gheibh e bàs; an claoidhear sinn le bàsachadh?

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index