Search form

Àireamh 19

1Agus labhair an Tighearna ri Maois, agus ri Aaron, ag ràdh,

2Is e seo òrdagh an lagha a dh’àithn an Tighearna, ag ràdh, Labhair ri cloinn Israeil, iad a thoirt ad ionnsaigh agh ruadh gun ghaoid, air nach eil smal, agus nach robh riamh fo chuing.

3Agus bheir sibh i a dh’ionnsaigh Eleàsair an sagart; agus bheirear i an taobh a‑muigh den champ, agus marbhar i na fhianais.

4Agus gabhaidh Eleàsar an sagart cuid de a fuil le a mheur, agus crathaidh e cuid de a fuil dìreach fa chomhair pàillean a’ choitheanail seachd uairean.

5Agus loisgidh neach an t‑agh na shealladh; a seiche, agus a feòil, agus a fuil, maille ra h‑aolach, loisgidh e.

6Agus gabhaidh an sagart fiodh seudair, agus hiosop, agus sgàrlaid, agus tilgidh e sin am meadhon losgadh an aighe.

7An sin nighidh an sagart a aodach, agus ionnlaididh e a fheòil ann an uisge, agus an dèidh sin thig e a‑steach don champ, agus bidh an sagart neòghlan gu feasgar.

8Agus nighidh esan a loisg i a aodach ann an uisge, agus bidh e neòghlan gu feasgar.

9Agus cruinnichidh duine a tha glan luath an aighe, agus taisgidh e i an taobh a‑muigh den champ ann an àite glan; agus gleidhear i airson coitheanal chloinn Israeil, mar uisge-dealachaidh: is glanadh airson peacaidh i.

10Agus nighidh esan a thionaileas luath an aighe a aodach, agus bidh e neòghlan gu feasgar: agus bidh e do chloinn Israeil, agus don choigreach a tha air chuairt nam measg, na reachd sìorraidh.

11Esan a bheanas ri corp duine mhairbh sam bith, bidh e neòghlan seachd làithean.

12Glanaidh e e fhèin leis air an treas là, agus air an t‑seachdamh là bidh e glan: ach mura glan e e fhèin air an treas là, an sin air an t‑seachdamh là cha bhi e glan.

13Ge bè neach a bheanas ri corp duine sam bith a tha marbh, agus nach glan e fhèin, tha e a’ truailleadh pàillean an Tighearna; agus gearrar an t‑anam sin as o Israel: a chionn nach do chrathadh an t‑uisge-dealachaidh air, bidh e neòghlan; tha a neòghlaine fhathast air.

14Is e seo an lagh, nuair a bhàsaicheas duine ann am bùth: Gach neach a thig a‑steach don bhùth, agus gach neach a tha anns a’ bhùth, bidh iad neòghlan seachd làithean.

15Agus gach soitheach fosgailte aig nach eil còmhdach ceangailte air, tha e neòghlan.

16Agus ge bè a bheanas ri neach a mharbhadh le claidheamh anns a’ mhachair, no ri corp marbh, no ri cnàimh duine, no ri uaigh, bidh e neòghlan seachd làithean.

17Agus airson an duine neòghlain gabhaidh iad de luaith an aighe, a loisgeadh airson glanadh peacaidh, agus cuiridh iad uisge-ruith oirre ann an soitheach.

18Agus gabhaidh duine glan hiosop, agus tumaidh e anns an uisge e, agus crathaidh e air a’ bhùth e, agus air na soithichean uile, agus air a’ mhuinntir a bha an sin, agus airsan a bhean ri cnàimh, no ri neach a mharbhadh, no ri aon marbh, no ri uaigh:

19Agus crathaidh an duine glan air an neòghlan air an treas là, agus air an t‑seachdamh là; agus glanaidh e e fhèin air an t‑seachdamh là, agus nighidh e a aodach, agus ionnlaididh e e fhèin ann an uisge, agus bidh e glan air feasgar.

20Ach an duine a bhios neòghlan, agus nach glan e fhèin, gearrar an t‑anam sin as o mheasg a’ cho-chruinneachaidh, a chionn gun do thruaill e ionad naomh an Tighearna: cha do chrathadh uisge-dealachaidh air; tha e neòghlan.

21Agus bidh e na reachd sìorraidh dhaibh, gun nigh esan a chrathas an t‑uisge-dealachaidh a aodach, agus bidh esan a bheanas ris an uisge-dhealachaidh neòghlan gu feasgar.

22Agus ge bè nì ris am bean an duine neòghlan, bidh e neòghlan: agus an t‑anam a bheanas ris, bidh e neòghlan gu feasgar.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index