Search form

Àireamh 20

1An sin thàinig clann Israeil, eadhon an co‑chruinneachadh uile, gu fàsach Shin, anns a’ chiad mhìos: agus dh’fhan an sluagh ann an Cadeis: agus fhuair Miriam bàs an sin, agus dh’adhlaiceadh an sin i.

2Agus cha robh uisge ann don choitheanal: agus chruinnich iad iad fhèin an aghaidh Mhaois agus an aghaidh Aaroin.

3Agus throid an sluagh ri Maois, agus labhair iad, ag ràdh, B’fheàrr gum bitheamaid air faghail bàis nuair a bhàsaich ar bràithrean an làthair an Tighearna!

4Agus carson a thug sibh a‑nìos co‑chruinneachadh an Tighearna don fhàsach seo, gu bàs fhaghail an sin, sinn fhèin agus ar sprèidh?

5Agus carson a thug sibh oirnne teachd a‑nìos as an Eiphit, gar toirt a‑steach don droch àite seo? Chan àite sìl e, no fhìgis, no chrann-fìona, no phomgranatan; cha mhò a tha uisge ann ra òl.

6Agus chaidh Maois agus Aaron o làthair a’ cho-chruinneachaidh gu doras pàillean a’ choitheanail, agus thuit iad air an aghaidh; agus dh’fhoillsicheadh glòir an Tighearna dhaibh.

7Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

8Gabh an t‑slat, agus cruinnich thusa an coitheanal an ceann a chèile, thu fhèin agus Aaron do bhràthair, agus labhraibh ris a’ charraig fa chomhair an sùl, agus bheir i seachad a h‑uisge; agus bheir thusa a‑mach uisge dhaibh as a’ charraig, agus bheir thu deoch don choitheanal, agus dan sprèidh.

9Agus gabh Maois an t‑slat o làthair an Tighearna, mar a dh’àithn e dha.

10Agus chruinnich Maois agus Aaron an co‑chruinneachadh an ceann a chèile fa chomhair na carraige, agus thubhairt e riu, Eisdibh a‑nis, a luchd-ceannairc; as a’ charraig seo am feum sinne uisge a thoirt dhuibh?

11Agus thog Maois suas a làmh, agus bhuail e a’ charraig le a shlait dà uair; agus thàinig an t‑uisge a‑mach gu pailt: agus dh’òl an co‑chruinneachadh, agus an sprèidh.

12Agus labhair an Tighearna ri Maois agus ri Aaron, A chionn nach do chreid sibh mi, a‑chum mo naomhachadh ann an sùilean chloinn Israeil, uime sin cha toir sibh a‑steach an co‑chruinneachadh seo don fhearann a thug mise dhaibh.

13Is e seo uisge Mheribah, a chionn gun do rinn clann Israeil strì ris an Tighearna, agus naomhaicheadh e annta.

14Agus chuir Maois teachdairean o Chadeis gu rìgh Edoim, Mar seo tha do bhràthair Israel ag ràdh, Tha fhios agad air an t‑saothair sin uile a thàinig oirnne;

15Mar a chaidh ar n‑athraichean sìos don Eiphit, agus a ghabh sinn còmhnaidh anns an Eiphit aimsir fhada; agus bhuin na h‑Eiphitich gu h‑olc rinne, agus ri ar n‑athraichean.

16Agus nuair a ghlaodh sinn ris an Tighearna, chuala e ar guth, agus chuir e aingeal uaithe, agus thug e a‑mach sinn as an Eiphit; agus, feuch, tha sinn ann an Cadeis, baile anns a’ chuid as iomallaiche ded chrìch.

17Leig leinn, guidheam ort, dol tro do dhùthaich: cha tèid sinn tro achadh sam bith, no tro fhìonlios, cha mhò a dh’òlas sinn uisge nan tobar; imichidh sinn air rathad mòr an rìgh, cha tionndaidh sinn a dh’ionnsaigh na làimhe deise, no na làimhe clìthe, gus an tèid sinn seach do chrìochan.

18Agus thubhairt Edom ris, Cha tèid thu seachad orm, air eagal leis a’ chlaidheamh gun tig mi a‑mach ad aghaidh.

19Agus thubhairt clann Israeil ris, Imichidh sinn air an rathad mhòr; agus ma dh’òlas mi fhèin agus mo sprèidh ded uisge, bheir mi luach air a shon: a‑mhàin gun tuilleadh a dhèanamh, thèid mi troimhe dem chois.

20Agus thubhairt e, Cha tèid thu troimhe. Agus thàinig Edom a‑mach na aghaidh le mòr-shluagh, agus le làimh thrèin.

21Mar seo dhiùlt Edom do Israel comas dol tro a chrìch: uime sin thionndaidh Israel uaithe.

22Agus ghabh clann Israeil, eadhon an co‑chruinneachadh uile, an turas o Chadeis, agus thàinig iad gu sliabh Hor.

23Agus labhair an Tighearna ri Maois agus ri Aaron ann an sliabh Hor, làimh ri crìch fearann Edoim, ag ràdh,

24Cruinnichear Aaron a‑chum a shluaigh; oir cha tèid e a‑steach don fhearann a thug mise do chloinn Israeil, a chionn gu robh sibh ceannairceach an aghaidh m’fhacail-sa aig uisge Mheribah.

25Gabh Aaron agus Eleàsar a mhac, agus thoir suas iad gu sliabh Hor:

26Agus buin a aodach de Aaron, agus cuir air a mhac Eleàsar e: agus cruinnichear Aaron a‑chum a mhuinntir, agus gheibh e bàs an sin.

27Agus rinn Maois mar a dh’àithn an Tighearna: agus chaidh iad suas gu sliabh Hor, ann an sealladh a’ cho-chruinneachaidh uile.

28Agus bhuin Maois a aodach de Aaron, agus chuir e air Eleàsar a mhac e; agus fhuair Aaron bàs an sin air mullach an t‑slèibh: agus thàinig Maois agus Eleàsar a‑nuas on t‑sliabh.

29Agus nuair a chunnaic an co‑chruinneachadh uile gun d’fhuair Aaron bàs, rinn iad bròn airson Aaroin deich làithean ar fhichead, eadhon taigh Israeil uile.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index