Search form

Àireamh 21

1Agus nuair a chuala rìgh Arad, an Canàanach, a bha a chòmhnaidh anns an àird a deas, gun tàinig Israel air slighe an luchd-brathaidh, an sin chog e an aghaidh Israeil, agus rinn e cuid dhiubh nan ciomaich.

2Agus bhòidich Israel bòid don Tighearna, agus thubhairt iad, Ma bheir thu da‑rìribh an sluagh seo thairis dar làimh, an sin sgriosaidh sinn gu tur am bailtean.

3Agus dh’èisd an Tighearna ri guth Israeil, agus thug e na Canàanaich suas dhaibh: agus sgrios iad gu tur iad fhèin agus am bailtean: agus thug iad Horma mar ainm air an àite.

4Agus ghabh iad an turas o shliabh Hor, air slighe na mara ruaidhe, a dhol mun cuairt air tìr Edoim; agus bha anam an t‑sluaigh fo mhì-mhisnich anns an t‑slighe.

5Agus labhair an sluagh an aghaidh Dhè, agus an aghaidh Mhaois, Carson a thug sibh a‑nìos sinn as an Eiphit, gu bàs fhaghail anns an fhàsach? Oir chan eil aran no uisge ann, agus tha ar n‑anam a’ gabhail gràin den aran aotrom seo.

6Agus chuir an Tighearna nathraichean loisgeach am measg an t‑sluaigh; agus lot iad an sluagh, agus fhuair mòr-shluagh de Israel bàs.

7Uime sin thàinig an sluagh a dh’ionnsaigh Mhaois, agus thubhairt iad, Pheacaich sinn, oir labhair sinn an aghaidh an Tighearna, agus ad aghaidh-sa; guidh air an Tighearna gun toir e air falbh uainn na nathraichean. Agus ghuidh Maois airson an t‑sluaigh.

8Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Dèan dhut fhèin nathair loisgeach, agus cuir i air crann; agus tàrlaidh, gach neach a lotar, nuair a dh’amhairceas e oirre, gum mair e beò.

9Agus rinn Maois nathair umha, agus chuir e air crann i: agus thàrladh, ma lot nathair duine sam bith, agus gun d’amhairc e air an nathair umha, gun d’fhan e beò.

10Agus chaidh clann Israeil air an aghaidh, agus champaich iad ann an Obot.

11Agus ghabh iad an turas o Obot, agus champaich iad aig Iie-abarim anns an fhàsach a tha fa chomhair Mhòaib, leth ri èirigh na grèine.

12Uaithe sin dh’imich iad, agus champaich iad ann an gleann Shareid.

13O sin dh’imich iad, agus champaich iad air an taobh eile de Arnon, a tha anns an fhàsach a tha a’ teachd a‑mach à crìochan nan Amorach: oir is e Arnon crìoch Mhòaib, eadar Mòab agus na h‑Amoraich.

14Uime sin innsear ann an leabhar cogaidhean an Tighearna, Ciod a rinn e anns a’ mhuir ruaidh, agus ann an sruthan Arnoin;

15Agus aig ruith nan sruth a tha a’ dol sìos gu àite-còmhnaidh Ar, agus a’ laighe air crìch Mhòaib.

16Agus o sin chaidh iad gu Beer: is e sin an tobar mun do labhair an Tighearna ri Maois, Cruinnich an sluagh ri chèile, agus bheir mise uisge dhaibh.

17An sin chan Israel an laoidh seo, Sruth a‑nìos, O thobair; canaibh-se dha:

18Chladhaich na h‑uachdarain an tobar, chladhaich uaislean an t‑sluaigh e, le seòladh fear-tabhairt an lagha, len lorgan. Agus on fhàsach chaidh iad gu Matana;

19Agus o Mhatana gu Nahaliel; agus o Nahaliel gu Bamot;

20Agus o Bhamot anns a’ ghleann a tha ann an dùthaich Mhòaib gu mullach Phisgah, a tha ag amharc ri Iesimon.

21Agus chuir Israel teachdairean gu Sihon, rìgh nan Amorach, ag ràdh,

22Leig dhomh dol tro d’fhearann; cha tionndaidh sinn a dh’ionnsaigh raoin no a dh’ionnsaigh fìonlios sam bith; chan òl sinn uisgeachan an tobair: rathad an rìgh gabhaidh sinn, gus an tèid sinn seachad air do chrìch.

23Agus cha leigeadh Sihon le Israel dol tro a chrìch: agus chruinnich Sihon a shluagh uile ri chèile, agus chaidh e a‑mach an aghaidh Israeil don fhàsach: agus thàinig e gu Iahas, agus chog e an aghaidh Israeil.

24Agus bhuail Israel e le faobhar a’ chlaidheimh, agus ghabh e sealbh air a fhearann o Arnon gu Iaboc, eadhon gu cloinn Amoin: oir bha crìoch chloinn Amoin làidir.

25Agus ghlac Israel na bailtean mòra sin uile: agus ghabh Israel còmhnaidh ann am bailtean mòra nan Amorach uile, ann an Hesbon, agus na bhailtean beaga uile;

26Oir b’e Hesbon baile mòr Shihoin, rìgh nan Amorach, a chog an aghaidh rìgh Mhòaib a bha ann roimhe sin, agus a bhuin a fhearann uile as a làimh, eadhon gu Arnon.

27Uime sin their iadsan, a labhras ann an gnàth-fhacail, Thigibh do Hesbon; biodh baile mòr Shihoin air a thogail agus air a dheasachadh:

28Oir chaidh teine a‑mach à Hesbon, lasair o bhaile mòr Shihoin; loisg e Ar Mhòaib, agus tighearnan ionadan àrda Arnoin.

29Mo thruaigh thu, a Mhòaib! thàinig sgrios ort, O shluagh Chemois! Thug e a mhic a chaidh as, agus a nigheanan, am braighdeanas do Shihon rìgh nan Amorach.

30Thilg sinn saighdean orra; chaidh as do Hesbon eadhon gu Dibon, agus dh’fhàsaich sinn iad eadhon gu Nopha, a tha a’ ruigheachd gu Medeba.

31Mar seo ghabh Israel còmhnaidh ann am fearann nan Amorach.

32Agus chuir Maois daoine uaithe a ghabhail beachd air Iaser, agus ghlac iad a bhailtean, agus dh’fhògair iad a‑mach na h‑Amoraich a bha an sin.

33Agus thill iad agus chaidh iad suas air slighe Bhasain: agus chaidh Og, rìgh Bhasain, a‑mach nan aghaidh, e fhèin agus a shluagh uile, gu cath aig Edrei.

34Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Na gabh eagal roimhe, oir dod làimh-sa thug mi thairis e fhèin, agus a shluagh uile, agus a fhearann; agus nì thu air mar a rinn thu air Sihon, rìgh nan Amorach, a bha a chòmhnaidh aig Hesbon.

35Mar sin bhuail iad e fhèin agus a mhic, agus a shluagh uile, gus nach d’fhàgadh aon beò aige: agus ghabh iad sealbh air a fhearann.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index