Search form

Àireamh 22

1Agus chaidh clann Israeil air an aghaidh, agus champaich iad ann an còmhnardan Mhòaib, air an taobh seo de Iòrdan làimh ri Iericho.

2Agus chunnaic Balac mac Shipoir gach nì a rinn Israel air na h‑Amoraich.

3Agus bha eagal ro‑mhòr air Mòab ron t‑sluagh, a chionn gu robh iad lìonmhor; agus bha Mòab ann an teinn a‑thaobh chloinn Israeil.

4Agus thubhairt Mòab ri seanairean Mhidiain, A‑nis imlichidh a’ chuideachd seo suas gach nì a tha mar timcheall, mar a dh’imlicheas an damh suas feur na machrach. Agus bha Balac mac Shipoir na rìgh air na Mòabaich anns an àm sin.

5Chuir e teachdairean uime sin gu Balàam mac Bheoir, gu Petor, a tha làimh ri abhainn dùthaich clann a shluaigh, ga ghairm, ag ràdh, Feuch, tha sluagh air teachd a‑mach as an Eiphit: feuch, tha iad a’ còmhdachadh aghaidh na talmhainn, agus tha iad nan còmhnaidh thall fam chomhair.

6Thig a‑nis uime sin, guidheam ort, mallaich dhòmhsa an sluagh seo, oir tha iad tuilleadh is cumhachdach air mo shon: theagamh gur urrainn mi am bualadh, agus gum fuadaich mi iad a‑mach as an dùthaich; oir tha fhios agam gu bheil esan a bheannaicheas tusa beannaichte, agus esan a mhallaicheas tu mallaichte.

7Agus dh’imich seanairean Mhòaib agus seanairean Mhidiain, le duais na draoidheachd nan làimh; agus thàinig iad gu Balàam, agus dh’innis iad dha briathran Bhalaic.

8Agus thubhairt e riu, Fanaibh an seo a‑nochd, agus bheir mise fios dhuibh a‑rìs, a rèir mar a labhras an Tighearna rium. Agus dh’fhan ceannardan Mhòaib maille ri Balàam.

9Agus thàinig an Tighearna gu Balàam, agus thubhairt e, Cò iad na daoine seo maille riut?

10Agus thubhairt Balàam ri Dia, Chuir Balac mac Shipoir, rìgh Mhòaib, teachdaire am ionnsaigh, ag ràdh,

11Feuch, tha sluagh air teachd a‑mach as an Eiphit, a tha a’ còmhdachadh aghaidh na talmhainn: thig a‑nis, mallaich dhomh iad; theagamh gur urrainn mi buaidh a thoirt orra, agus gum fuadaich mi a‑mach iad.

12Agus thubhairt Dia ri Balàam, Cha tèid thu maille riu; cha mhallaich thu an sluagh; oir tha iad beannaichte.

13Agus dh’èirich Balàam anns a’ mhadainn, agus thubhairt e ri ceannardan Bhalaic, Imichibh dur dùthaich fhèin, oir tha an Tighearna a’ diùltadh cead a thoirt dhòmhsa dol maille ribh.

14Agus dh’èirich ceannardan Mhòaib suas, agus chaidh iad a dh’ionnsaigh Bhalaic, agus thubhairt iad. Tha Balàam a’ diùltadh teachd maille rinn.

15Agus chuir Balac uaithe a‑rìs ceannardan a bu lìonmhoire agus a b’urramaiche na iadsan.

16Agus thàinig iad gu Balàam, agus thubhairt iad ris, Mar seo tha Balac, mac Shipoir, ag ràdh, Na bacadh nì sam bith thu, guidheam ort, o theachd am ionnsaigh;

17Oir àrdaichidh mi thu gu inbhe ro‑mhòir, agus ge bè a their thu rium, nì mi e: thig uime sin, guidheam ort, mallaich dhomh an sluagh seo.

18Agus fhreagair Balàam, agus thubhairt e ri seirbhisich Bhalaic, Ged bheireadh Balac dhòmhsa làn a thaighe de airgead agus de òr, chan fhaodainn dol thar facal an Tighearna mo Dhia, a dhèanamh a’ bheag no a’ mhòr.

19A‑nis uime sin, guidheam oirbh, fanaibh-se mar an ceudna an seo a‑nochd, a‑chum is gum bi fhios agam ciod tuilleadh a their an Tighearna rium.

20Agus thàinig Dia a dh’ionnsaigh Bhalàaim anns an oidhche, agus thubhairt e ris, Ma thig na daoine gud ghairm, èirich suas, agus imich maille riu: gidheadh am facal a their mise riut, sin nì thu.

21Agus dh’èirich Balàam suas anns a’ mhadainn, agus chuir e dìollaid air a asail, agus chaidh e maille ri ceannardan Mhòaib.

22Agus las corraich Dhè a chionn gun d’imich e; agus sheas aingeal an Tighearna anns an t‑slighe mar eascaraid na aghaidh. A‑nis bha e a’ marcachd air a asail fhèin, agus a dhà òglach maille ris.

23Agus chunnaic an asal aingeal an Tighearna na sheasamh anns an t‑slighe, agus a chlaidheamh tàirngte na làimh: agus thionndaidh an asal a lethtaobh as an t‑slighe, agus chaidh i air feadh an fhearainn; agus bhuail Balàam an asal, ga tionndadh a dh’ionnsaigh na slighe.

24Agus sheas aingeal an Tighearna ann an cas-cheum nam fìonlios: bha balla air an taobh seo, agus balla air an taobh ud.

25Agus nuair a chunnaic an asal aingeal an Tighearna, theannaich i i fhèin ris a’ bhalla, agus bhrùth i cas Bhalàaim ris a’ bhalla, agus bhuail e a‑rìs i.

26Agus a‑rìs chaidh aingeal an Tighearna seachad, agus sheas e ann an àite cumhang, far nach robh slighe gu tionndadh aon chuid a‑chum na làimhe deise no clìthe.

27Agus nuair a chunnaic an asal aingeal an Tighearna, laigh i sìos fo Bhalàam: agus las corraich Bhalàaim, agus bhuail e an asal le bata.

28Agus dh’fhosgail an Tighearna beul na h‑asail, agus thubhairt i ri Balàam, Ciod a rinn mise ort, gun do bhuail thu mi na trì uairean seo?

29Agus thubhairt Balàam ris an asail, A chionn gun do rinn thu fanaid orm: b’fheàrr leam gum biodh claidheamh am làimh, oir a‑nis mharbhainn thu.

30Agus thubhairt an asal ri Balàam, Nach mise d’asal fhèin, air an do mharcaich thu riamh, o bu leat mi, gus an là‑an‑diugh? Am b’àbhaist dhomh riamh a dhèanamh mar seo riut? Agus thubhairt e, Cha b’àbhaist.

31An sin dh’fhosgail an Tighearna sùilean Bhalàaim, agus chunnaic e aingeal an Tighearna na sheasamh anns an t‑slighe, agus a chlaidheamh tàirngte na làimh; agus chrom e sìos a cheann, agus thuit e sìos air a aghaidh.

32Agus thubhairt aingeal an Tighearna ris, Carson a bhuail thu d’asal na trì uairean seo? Feuch, chaidh mi a‑mach gu bhith am eascaraid dhut, a chionn gu bheil do shlighe fiar am fhianais.

33Agus chunnaic an asal mi, agus thionndaidh i uam na trì uairean seo: mura biodh i air tionndadh uam, gu cinnteach bha mi a‑nis eadhon air do mharbhadh-sa, agus air a gleidheadh-se beò.

34Agus thubhairt Balàam ri aingeal an Tighearna, Pheacaich mi, oir cha robh fhios agam gun do sheas thu anns an t‑slighe am aghaidh: a‑nis uime sin, mas mì‑thaitneach leat e, tillidh mi air m’ais a‑rìs.

35Agus thubhairt aingeal an Tighearna ri Balàam, Imich leis na daoine: ach a‑mhàin am facal a labhras mise riut, sin labhraidh tusa. Mar sin chaidh Balàam le ceannardan Bhalaic.

36Agus nuair a chuala Balac gun tàinig Balàam, chaidh e a‑mach na choinneamh gu baile de Mhòab, a tha làimh ri co‑chrìch Arnoin, a tha anns a’ chrìch as fhaide a‑mach.

37Agus thubhairt Balac ri Balàam, Nach do chuir mise gu cinnteach fios ad ionnsaigh gud ghairm? Carson nach tàinig thu am ionnsaigh? Nach eil mise gu deimhinn comasach air d’àrdachadh gu inbhe?

38Agus thubhairt Balàam ri Balac, Feuch, tha mi air teachd ad ionnsaigh: a bheil agam a‑nis cumhachd idir nì sam bith a ràdh? Am facal a chuireas Dia am bheul, sin labhraidh mi.

39Agus chaidh Balàam maille ri Balac, agus thàinig iad gu Ciriathusot.

40Agus dh’ìobair Balac daimh agus caoraich, agus chuir e fios a dh’ionnsaigh Bhalàaim, agus a dh’ionnsaigh nan ceannard a bha maille ris.

41Agus air an là màireach, ghabh Balac Balàam, agus thug e suas e gu àitean àrda Bhàail, a‑chum is gum faiceadh e o sin a’ chuid a b’iomallaiche den t‑sluagh.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index