Search form

Àireamh 24

1Agus nuair a chunnaic Balàam gum bu toigh leis an Tighearna Israel a bheannachadh, cha deachaidh e, mar air uairean eile, a dh’iarraidh mhanaidhean, ach chuir e a aghaidh ris an fhàsach.

2Agus thog Balàam suas a shùilean, agus chunnaic e Israel a’ fantainn nam bùthan a rèir an treubhan, agus thàinig spiorad Dhè air.

3Agus thog e suas a chosamhlachd, agus thubhairt e, Thubhairt Balàam mac Bheoir, agus thubhairt an duine aig an robh a shùilean dùinte;

4Thubhairt esan, a chuala briathran Dhè, a chunnaic taisbeanadh an Uile-chumhachdaich, a’ tuiteam agus a shùilean air am fosgladh:

5Cia àlainn do bhùthan, O Iàcoib! do phàilleanan, O Israeil!

6Mar na gleanntan tha iad sìnte a‑mach, mar liosan ri taobh aibhne, mar chraobhan fiodh-alois a shuidhich an Tighearna, mar chraobhan seudair làimh ris na h‑uisgeachan.

7Sruthaidh an t‑uisge a‑mach as a shoithichean, agus bidh a shliochd ann am mòran uisgeachan, agus bidh a rìgh nas àirde na Agag, agus àrdaichear a rìoghachd.

8Thug Dia a‑mach as an Eiphit e; tha aige amhail neart an aon-adharcaich: ithidh e suas na cinnich, a naimhdean, agus brisidh e an cnàmhan, agus le a shaighdean tro-lotaidh e iad.

9Chrùb e, laigh e sìos mar leòmhann, agus mar leòmhann mòr: cò a dhùisgeas suas e? Is beannaichte gach neach a bheannaicheas thusa, agus is mallaichte gach neach a mhallaicheas thu.

10Agus las corraich Bhalaic an aghaidh Bhalàaim, agus bhuail e a bhasan ri chèile: agus thubhairt Balac ri Balàam, A mhallachadh mo naimhdean ghairm mi thu, agus, feuch, da‑rìribh bheannaich thu iad na trì uairean seo:

11Uime sin teich a‑nis dod àite fhèin: shaoil mi d’àrdachadh gu inbhe mhòir, ach, feuch, chùm an Tighearna air d’ais thu o inbhe.

12Agus thubhairt Balàam ri Balac, Nach do labhair mi eadhon rid theachdairean, a chuir thu am ionnsaigh, ag ràdh,

13Ged bheireadh Balac dhòmhsa làn a thaighe de airgead agus de òr, cha b’urrainn mi dol thar àithne an Tighearna, a dhèanamh maith no uilc om inntinn fhèin; ach ge bè a their an Tighearna, sin labhraidh mise?

14Agus a‑nis, feuch, tha mi a’ dol a dh’ionnsaigh mo dhaoine fhèin: thig uime sin, bheir mi rabhadh dhut, ciod a nì an sluagh seo air do shluagh-sa anns na làithean deireannach.

15Agus thog e suas a chosamhlachd, agus thubhairt e, Thubhairt Balàam mac Bheoir, agus thubhairt an duine aig an robh a shùilean dùinte:

16Thubhairt esan a chuala briathran Dhè, agus don aithne eòlas an Tì as ro‑àirde, a chunnaic taisbeanadh an Uile-chumhachdaich, a’ tuiteam agus a shùilean air am fosgladh:

17Chì mi e, ach chan ann a‑nis; amhaircidh mi air, ach chan ann am fagas: thig reul a‑mach à Iàcob, agus èiridh slat rìoghail à Israel, agus buailidh i oisnean Mhòaib, agus cuiridh i as do chloinn Shet uile.

18Agus bidh Edom na sheilbh, bidh Seir mar an ceudna na sheilbh aig a naimhdean; agus nì Israel gaisge.

19A‑mach à Iàcob thig esan a bhios na uachdaran, agus sgriosaidh e an tì a mhaireas den bhaile mhòr.

20Agus nuair a dh’amhairc e air Amalec, thog e suas a chosamhlachd, agus thubhairt e, Tùs nan cinneach Amalec, ach is e a dheireadh a bhith air a sgrios gu sìorraidh.

21Agus dh’amhairc e air na Cenich; agus thubhairt e, Is làidir d’àite-còmhnaidh, agus tha thu a’ cur do nid ann an carraig:

22Gidheadh, fàsaichear na Cenich, gus an toir Asur leis thu ann am braighdeanas.

23Agus thog e suas a chosamhlachd, agus thubhairt e, Mo thruaighe! Cò a bhios beò nuair a nì Dia seo?

24Agus thig longan o iomall Chitim, agus nì iad olc air Asur, agus nì iad olc air Eber, agus sgriosar esan mar an ceudna gu bràth.

25Agus dh’èirich Balàam suas, agus dh’fhalbh e, agus thill e da àite fhèin: agus dh’fhalbh Balac mar an ceudna air a shlighe fhèin.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index