Search form

Àireamh 25

1Agus dh’fhan Israel ann an Sitim, agus thòisich an sluagh air strìopachas a dhèanamh le nigheanan Mhòaib.

2Agus ghairm iad an sluagh gu ìobairtean an diathan: agus dh’ith an sluagh, agus chrom iad sìos dan diathan.

3Agus cheangail Israel e fhèin ri Bàal-peor: agus las corraich an Tighearna an aghaidh Israeil.

4Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Glac cinn-fheadhna an t‑sluaigh uile, agus croch suas iad an làthair an Tighearna fa chomhair na grèine, a‑chum is gun till corraich gharg an Tighearna o Israel.

5Agus thubhairt Maois ri britheamhan Israeil, Marbhaibh gach aon agaibh a dhaoine, a cheangail iad fhèin ri Bàal-peor.

6Agus, feuch, thàinig fear de chloinn Israeil, agus thug e a‑chum a bhràithrean ban-Mhidianach, ann an sealladh Mhaois, agus ann an sealladh coitheanal chloinn Israeil uile, agus iad a’ gul aig doras pàillean a’ choitheanail.

7Agus nuair a chunnaic Phinehas mac Eleàsair mhic Aaroin an sagart e, dh’èirich e suas o mheasg a’ cho-chruinneachaidh, agus ghabh e sleagh na làimh:

8Agus chaidh e an dèidh an duine de Israel a‑steach don bhùth, agus thro-lot e iad le chèile, an duine de Israel, agus a’ bhean tro a broinn: mar sin chaisgeadh a’ phlàigh o chloinn Israeil.

9Agus bhàsaich anns a’ phlàigh ceithir mìle ar fhichead.

10Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

11Thill Phinehas mac Eleàsair mhic Aaroin an sagart mo chorraich air falbh o chloinn Israeil, nuair a bha e eudmhor as mo leth nam measg, air chor is nach do chuir mi as do chloinn Israeil am eud.

12Air an adhbhar sin abair, Feuch, bheir mise dha mo choicheangal sìthe:

13Agus bidh e aige, agus aig a shliochd na dhèidh, eadhon coicheangal sagartachd shìorraidh, a chionn gu robh e eudmhor as leth a Dhè, agus gun do rinn e rèite airson chloinn Israeil.

14A‑nis b’e ainm an Israelich a mharbhadh, eadhon a mharbhadh maille ris a’ bhan-Mhidianaich, Simri mac Shalu, ceannard prìomh thaighe am measg nan Simeonach.

15Agus b’e ainm na ban-Mhidianaich a mharbhadh, Cosbi nighean Shur; bu cheann cinnich e, agus de phrìomh thaigh ann am Midian.

16Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

17Buin gu naimhdeil ris na Midianaich, agus buailibh iad:

18Oir tha iadsan a’ buntainn gu naimhdeil ribhse len as‑innleachdan, leis an do mheall iad sibh ann an adhbhar Pheoir, agus ann an adhbhar Chosbi, nighean ceannaird de Mhidian, am piuthar, a mharbhadh ann an là na plàighe ann an adhbhar Pheoir.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index