Search form

Àireamh 26

1Agus thàrladh an dèidh na plàighe, gun do labhair an Tighearna ri Maois, agus ri Eleàsar mac Aaroin, an sagart, ag ràdh,

2Gabhaibh àireamh co‑chruinneachadh chloinn Israeil uile, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, trìd thaighean an athraichean, iadsan uile as urrainn dol a‑mach gu cogadh ann an Israel.

3Agus labhair Maois agus Eleàsar an sagart riu ann an còmhnardan Mhòaib, làimh ri Iòrdan am fagas do Iericho, ag ràdh,

4Gabhaibh àireamh an t‑sluaigh o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois agus do chloinn Israeil, a chaidh a‑mach à tìr na h‑Eiphit.

5Reuben, am mac a bu shine aig Israel: clann Reubein: Hanoch, o a bheil teaghlach nan Hanochach: o Phalu, teaghlach nam Paluthach:

6O Hesron, teaghlach nan Hesronach: o Charmi, teaghlach nan Carmach.

7Is iad sin teaghlaichean nan Reubeneach: agus b’iadsan a chaidh àireamh dhiubh, dà‑fhichead agus trì mìle agus seachd ceud agus deich-ar‑fhichead.

8Agus mic Phalu: Eliab.

9Agus mic Eliaib: Nemuel, agus Datan, agus Abiram. Is iad seo an Datan agus an t‑Abiram a bha ainmeil anns a’ cho-chruinneachadh, a rinn strì an aghaidh Mhaois agus an aghaidh Aaroin ann an cuideachd Chorah, nuair a rinn iad strì an aghaidh an Tighearna:

10Agus a dh’fhosgail an talamh a bheul, agus a shluig e suas iad maille ri Corah, nuair a bhàsaich a’ chuideachd sin, nuair a loisg an teine suas dà cheud agus lethcheud fear: agus rinneadh iad nan comharradh.

11Gidheadh, cha do bhàsaich clann Chorah.

12Mic Shimeoin, a rèir an teaghlaichean: o Nemuel, teaghlach nan Nemueleach: o Iamin, teaghlach nan Iamineach: o Iachin, teaghlach nan Iachineach:

13O Sherah, teaghlach nan Sarhach: o Shaul, teaghlach nan Saulach.

14Is iad sin teaghlaichean nan Simeonach, fichead agus dà mhìle agus dà cheud.

15Clann Ghad, a rèir an teaghlaichean: o Shèphon, teaghlach nan Sèphonach: o Hagi, teaghlach nan Hagitheach: o Shuni, teaghlach nan Sunitheach:

16O Osni, teaghlach nan Osnitheach: o Eri, teaghlach nan Eritheach:

17O Arod, teaghlach nan Arodach: o Areli, teaghlach nan Arelitheach:

18Is iad sin teaghlaichean chloinn Ghad, a rèir na dh’àirmheadh dhiubh, dà‑fhichead mìle agus còig ceud.

19B’iad mic Iùdah, Er agus Onan: agus fhuair Er agus Onan bàs ann an tìr Chanàain.

20Agus b’iad mic Iùdah, a rèir an teaghlaichean; o Shelah, teaghlach nan Selanach: o Pharets, teaghlach nam Pharetseach: o Sherah, teaghlach nan Sarhach:

21Agus b’iad mic Pharets; o Hesron, teaghlach nan Hesronach: o Hamul, teaghlach nan Hamulach.

22Is iad sin teaghlaichean Iùdah, a rèir na dh’àirmheadh dhiubh, trì-fichead agus sia-mìle-deug agus còig ceud.

23De mhic Isachair, a rèir an teaghlaichean: o Tholah, teaghlach nan Tolahach: o Phua, teaghlach nam Punach:

24O Iasub, teaghlach nan Iasubach: o Shimron, teaghlach nam Simronach.

25Is iad sin teaghlaichean Isachair, a rèir na chaidh àireamh dhiubh, trì-fichead agus ceithir mìle agus trì cheud.

26De mhic Shebuluin, a rèir an teaghlaichean: o Shered, teaghlach nan Sardach: o Elon, teaghlach nan Elonach: o Iaheel, teaghlach nan Iahleeleach.

27Is iad sin teaghlaichean nan Sebulunach, a rèir na chaidh àireamh dhiubh, trì-fichead mìle agus còig ceud.

28B’iad mic Iòseiph, a rèir an teaghlaichean, Manaseh agus Ephraim.

29De mhic Mhanaseh: o Mhachir, teaghlach nam Machireach; agus ghin Machir Gilead: o Ghilead thàinig teaghlach nan Gileadach.

30Is iad seo mic Ghilead: o Ieser, teaghlach nan Iesereach: o Helec, teaghlach nan Heleceach:

31Agus o Asriel, teaghlach nan Asrieleach: agus o Shechem, teaghlach nan Sechemeach:

32Agus o Shemida, teaghlach nan Semideach: agus o Hepher, teaghlach nan Hephereach.

33Agus cha robh aig Selophehad, mac Shepheir mic sam bith, ach nigheanan: agus b’iad ainmean nigheanan Shelophehaid, Mahla, agus Nòah, Hoglah, Milcah, agus Tirsah.

34Is iad sin teaghlaichean Mhanaseh, agus iadsan a chaidh àireamh dhiubh, lethcheud agus dà mhìle agus seachd ceud.

35Is iad seo mic Ephraim, a rèir an teaghlaichean: o Shutelah, teaghlach nan Suteleach: o Bhecher, teaghlach nam Bechereach: o Thahan, teaghlach nan Tahanach.

36Agus is iad seo mic Shutelah: o Eran, teaghlach nan Eranach.

37Is iad sin teaghlaichean mic Ephraim, a rèir na chaidh àireamh dhiubh, dà‑mhìle-dheug ar fhichead agus còig ceud. Is iad sin mic Iòseiph a rèir an teaghlaichean.

38Mic Bheniàmin, a rèir an teaghlaichean: o Bhelah, teaghlach nam Belahach: o Asbel, teaghlach nan Asbeleach: o Ahiram, teaghlach nan Ahiramach:

39O Shupham, teaghlach nan Suphamach: o Hupham, teaghlach nan Huphamach.

40Agus b’iad mic Bhelah Ard agus Nàaman: o Ard, teaghlach nan Ardach: agus o Nàaman, teaghlach nan Nàamanach.

41Is iad sin mic Bheniàmin, a rèir an teaghlaichean: agus b’iadsan a chaidh àireamh dhiubh, dà‑fhichead agus còig mìle agus sia ceud.

42Is iad seo mic Dhan, a rèir an teaghlaichean: o Shuham, teaghlach nan Suhamach. Is iad seo teaghlaichean Dhan, a rèir an teaghlaichean.

43B’iad teaghlaichean nan Suhamach uile, a rèir na chaidh àireamh dhiubh, trì-fichead agus ceithir mìle agus ceithir cheud.

44De chloinn Aseir, a rèir an teaghlaichean: o Iimna, teaghlach nan Iimnathach: o Bheriah, teaghlach nam Beritheach.

45De mhic Bheriah: o Heber, teaghlach nan Hebereach: o Mhalchiel, teaghlach nam Malchieleach.

46Agus b’e ainm nighean Aseir, Sàrah.

47Is iad sin teaghlaichean mic Aseir, a rèir na chaidh àireamh dhiubh, leth-cheud agus trì mìle agus ceithir cheud.

48De mhic Naphtali, a rèir an teaghlaichean: o Iahseel, teaghlach nan Iahseeleach: o Ghuni, teaghlach nan Gunitheach:

49O Ieser, teaghlach nan Iesereach: o Shillem, teaghlach nan Sillemeach.

50Is iad sin teaghlaichean Naphtali a rèir an teaghlaichean: agus b’iadsan a dh’àirmheadh dhiubh, dà‑fhichead agus còig mìle agus ceithir cheud.

51B’iad sin iadsan a dh’àirmheadh de chloinn Israeil, sia ceud mìle agus aon mhìle, seachd ceud agus deich-ar‑fhichead.

52Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

53Dhaibh sin roinnear am fearann mar oighreachd, a rèir àireamh nan ainm.

54Do mhòran bheir thu nas mò de oighreachd, agus do bheagan bheir thu nas lugha de oighreachd: bheirear a oighreachd fhèin do gach aon, a rèir an àireimh.

55Gidheadh, roinnear am fearann le crannchur: a rèir ainmean treubhan an athraichean gheibh iad an oighreachd.

56A rèir a’ chrannchuir roinnear a shealbh eadar mhòran agus bheagan.

57Agus is iad seo iadsan a dh’àirmheadh de na Lèbhithich, a rèir an teaghlaichean: o Gherson, teaghlach nan Gersonach: o Chohat, teaghlach nan Cohatach: o Mherari, teaghlach nam Meraritheach.

58Is iad seo teaghlaichean nan Lèbhitheach: teaghlach nan Libnitheach, teaghlach nan Hebronach, teaghlach nam Mahlahach, teaghlach nam Muisitheach, teaghlach nan Corahach: agus ghin Cohat Amram.

59Agus b’e ainm bean Amraim Iochebed, nighean Lèbhi, a rug a màthair do Lèbhi anns an Eiphit: agus rug i do Amram, Aaron, agus Maois, agus Miriam am piuthar.

60Agus do Aaron rugadh Nàdab, agus Abihu, Eleàsar agus Itàmar.

61Agus fhuair Nàdab agus Abihu bàs, nuair a thug iad suas teine coimheach an làthair an Tighearna.

62Agus b’iadsan a chaidh àireamh dhuibh, fichead agus trì mìle, fireannaich uile o mhìos a dh’aois agus os a chionn: oir cha d’àirmheadh iad am measg chloinn Israeil, a chionn nach tugadh oighreachd dhaibh am measg chloinn Israeil.

63Is iad sin iadsan a chaidh àireamh le Maois agus Eleàsar an sagart, a rinn clann Israeil àireamh ann an còmhnardan Mhòaib, làimh ri Iòrdan am fagas do Iericho.

64Ach nam measg sin cha robh aon duine dhiubhsan a rinn Maois agus Aaron an sagart àireamh, nuair a ghabh iad àireamh chloinn Israeil, ann am fàsach Shinài:

65Oir thubhairt an Tighearna umpasan, Gheibh iad gu deimhinn bàs anns an fhàsach. Agus cha d’fhàgadh duine dhiubh, saor o Chàleb mac Iephuneh, agus Iosua mac Nuin.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index