Search form

Àireamh 28

1Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

2Aithn do chloinn Israeil, agus abair riu, Mo thabhartas, agus m’aran airson m’ìobairtean a bheirear suas le teine a‑chum fàile chùbhraidh dhomh, bheir sibh an aire gun toir sibh seachad dhòmhsa nan àm iomchaidh fhèin.

3Agus their thu riu, Is e seo an tabhartas a bheirear suas le teine, a bheir sibh seachad don Tighearna; dà uan den chiad bhliadhna gun ghaoid gach là, a‑chum ìobairt-loisgte ghnàthaichte.

4Aon uan bheir thu seachad anns a’ mhadainn, agus an t‑uan eile bheir thu seachad anns an fheasgar;

5Agus an deicheamh earrann de ephah fhlùir mar thabhartas-bìdh, measgte leis a’ cheathramh earrainn de hin de ola bhrùite.

6Is ìobairt-loisgte ghnàthaichte a tha ann, a dh’òrdaicheadh ann an sliabh Shinài a‑chum fàile chùbhraidh, ìobairt a bheirear suas le teine don Tighearna.

7Agus is i a tabhartas-dibhe an ceathramh earrann de hin airson aon uain: anns an ionad naomh bheir thu fa‑near fìon làidir a dhòrtadh don Tighearna mar thabhartas-dibhe.

8Agus an t‑uan eile bheir thu seachad anns an fheasgar: mar thabhartas-bìdh na maidne, agus mar a tabhartas-dibhe, bheir thu seachad e, ìobairt a bheirear suas le teine, de fhàile cùbhraidh don Tighearna.

9Agus air là na sàbaid, dà uan den chiad bhliadhna gun ghaoid, agus dà dheicheamh earrann fhlùir measgte le ola mar thabhartas-bìdh, agus a tabhartas-dibhe.

10Is e seo ìobairt-loisgte gach sàbaid, a thuilleadh air an ìobairt-loisgte ghnàthaichte, agus a tabhartas-dibhe.

11Agus ann an toiseach ur mìos bheir sibh seachad a‑chum ìobairt-loisgte don Tighearna dà tharbh òg, agus aon reithe, seachd uain den chiad bhliadhna gun ghaoid,

12Agus trì deicheamh earrannan fhlùir measgte le ola mar thabhartas-bìdh airson gach tairbh, agus dà dheicheamh earrann fhlùir measgte le ola mar thabhartas-bìdh airson gach reithe;

13Agus aon deicheamh earrann fhlùir air leth measgte le ola mar thabhartas-bìdh airson gach uain, a‑chum ìobairt-loisgte deagh fhàile, ìobairt a bheirear suas le teine don Tighearna.

14Agus mar an tabhartasan-dibhe bidh leth hin de fhìon airson tairbh, agus an treas earrann de hin airson reithe, agus an ceathramh earrann de hin airson uain: is i seo ìobairt-loisgte gach mìosa air feadh mìosan na bliadhna.

15Agus ìobrar aon mheann de na gobhair mar ìobairt-pheacaidh don Tighearna, a thuilleadh air an ìobairt-loisgte ghnàthaichte, agus a tabhartas-dibhe.

16Agus air a’ cheathramh-là‑deug den chiad mhìos tha càisg an Tighearna.

17Agus air a’ chòigeamh-là‑deug den mhìos seo tha an fhèill: seachd làithean ithear aran neo-ghortaichte.

18Air a’ chiad là bidh co‑ghairm naomh; obair thràilleil sam bith cha dèan sibh air;

19Ach bheir sibh seachad a‑chum ìobairt a bheirear suas le teine, mar ìobairt-loisgte don Tighearna, dà tharbh òg, agus aon reithe, agus seachd uain den chiad bhliadhna: gun ghaoid bidh iad dhuibh.

20Agus bidh an tabhartas-bìdh de fhlùr measgte le ola: trì deicheamh earrannan bheir sibh seachad airson tairbh, agus dà dheicheamh earrann airson reithe.

21Deicheamh earrann air leth bheir thu seachad airson gach uain, air feadh nan seachd uan:

22Agus aon bhoc-goibhre a‑chum ìobairt-pheacaidh, a dhèanamh rèite air ur son.

23Iobraidh sibh iad sin a thuilleadh air an ìobairt-loisgte anns a’ mhadainn, a tha mar ìobairt-loisgte ghnàthaichte.

24Mar seo bheir sibh seachad gach là air feadh nan seachd làithean biadh na h‑ìobairt a bheirear suas le teine, a‑chum fàile chùbhraidh don Tighearna: bheirear seachad e a thuilleadh air an ìobairt-loisgte ghnàthaichte, agus a tabhartas-dibhe.

25Agus air an t‑seachdamh là bidh co‑ghairm naomh agaibh; obair thràilleil sam bith cha dèan sibh air.

26Mar an ceudna air là nan ciad-thoradh, nuair a bheir sibh seachad tabhartas-bìdh nuadh don Tighearna, aig ceann ur seachdainean, bidh co‑ghairm naomh agaibh; obair thràilleil sam bith cha dèan sibh:

27Ach bheir sibh seachad mar ìobairt-loisgte, a‑chum fàile chùbhraidh don Tighearna, dà tharbh òg, aon reithe, seachd uain den chiad bhliadhna;

28Agus an tabhartas-bìdh de fhlùr measgte le ola, trì deicheamh earrannan airson gach tairbh, dà dheicheamh earrann airson gach reithe,

29Deicheamh earrann air leth airson gach uain, air feadh nan seachd uan;

30Agus aon mheann de na gobhair, a dhèanamh rèite air ur aon.

31Iobraidh sibh iad a thuilleadh air an ìobairt-loisgte ghnàthaichte, agus a tabhartas-bìdh (gun ghaoid bidh iad dhuibh), agus an tabhartasan-dibhe.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index