Search form

Àireamh 29

1Agus anns an t‑seachdamh mìos, air a’ chiad là den mhìos, bidh co‑ghairm naomh agaibh; obair thràilleil sam bith cha dèan sibh: is là sèideadh nan trompaid dhuibh e.

2Agus bheir sibh seachad mar ìobairt-loisgte, a‑chum fàile chùbhraidh don Tighearna, aon tarbh òg, aon reithe, agus seachd uain den chiad bhliadhna gun ghaoid:

3Agus bidh an tabhartas-bìdh de fhlùr measgte le ola, trì deicheamh earrannan airson tairbh, agus dà dheicheamh earrann airson reithe,

4Agus aon deicheamh earrann, airson gach uain, air feadh nan seachd uan;

5Agus aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt-pheacaidh, a dhèanamh rèite air ur son:

6A thuilleadh air ìobairt-loisgte a’ mhìosa, agus a tabhartas-bìdh, agus an ìobairt-loisgte ghnàthaichte, agus a tabhartas-bìdh, agus an tabhartasan-dibhe, a rèir an gnàtha, a‑chum fàile chùbhraidh, ìobairt a bheirear suas le teine don Tighearna.

7Agus bidh agaibh air an deicheamh là den t‑seachdamh mìos seo co‑ghairm naomh: agus cràdhaidh sibh ur n‑anaman: obair sam bith cha dèan sibh air.

8Ach bheir sibh seachad a‑chum ìobairt-loisgte don Tighearna de fhàile cùbhraidh, aon tarbh òg, aon reithe, agus seachd uain den chiad bhliadhna; gun ghaoid bidh iad dhuibh.

9Agus bidh an tabhartas-bìdh de fhlùr measgte le ola, trì deicheamh earrannan airson gach tairbh, agus dà dheicheamh earrann airson gach reithe,

10Deicheamh earrann air leth airson gach uain, air feadh nan seachd uan;

11Aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt-pheacaidh, a thuilleadh air ìobairt-pheacaidh na rèite, agus an ìobairt-loisgte ghnàthaichte, agus a tabhartas-bìdh, agus an tabhartasan-dibhe.

12Agus air a’ chòigeamh-là‑deug den t‑seachdamh mìos, bidh co‑ghairm naomh agaibh; obair thràilleil sam bith cha dèan sibh; agus gleidhidh sibh fèill don Tighearna seachd làithean.

13Agus bheir sibh seachad a‑chum ìobairt-loisgte, ìobairt a bheirear suas le teine, de fhàile cùbhraidh don Tighearna, trì-tairbh-dheug òga, dà reithe, agus ceithir-uain-deug den chiad bhliadhna; gun ghaoid bidh iad.

14Agus bidh an tabhartas-bìdh de fhlùr measgte le ola, trì deicheamh earrannan airson gach tairbh de na trì-tairbh-dheug, dà dheicheamh earrann airson gach reithe den dà reithe,

15Agus deicheamh earrann air leth airson gach uain de na ceithir-uain-deug;

16Agus aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt-pheacaidh, a thuilleadh air an ìobairt-loisgte ghnàthaichte, a tabhartas-bìdh, agus a tabhartas-dibhe.

17Agus air an dara là bheir sibh seachad dà‑tharbh-dheug òg, dà reithe, ceithir-uain-deug den chiad bhliadhna gun ghaoid:

18Agus bidh an tabhartas-bìdh, agus an tabhartasan-dibhe airson nan tarbh, airson nan reitheachan, agus airson nan uan, a rèir an àireimh, a rèir a’ ghnàtha;

19Agus aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt-pheacaidh, a thuilleadh air an ìobairt-loisgte ghnàthaichte, agus a tabhartas-bìdh, agus a tabhartasan-dibhe.

20Agus air an treas là aon-tarbh-deug, dà reithe, ceithir-uain-deug den chiad bhliadhna gun ghaoid:

21Agus bidh an tabhartas-bìdh agus an tabhartasan-dibhe, airson nan tarbh, airson nan reitheachan, agus airson nan uan, a rèir an àireimh, a rèir a’ ghnàtha;

22Agus aon bhoc-goibhre a‑chum ìobairt-pheacaidh, a thuilleadh air an ìobairt-loisgte ghnàthaichte, agus a tabhartas-bìdh, agus a tabhartas-dibhe.

23Agus air a’ cheathramh là deich tairbh, dà reithe, agus ceithir-uain-deug den chiad bhliadhna gun ghaoid:

24Bidh an tabhartas-bìdh agus an tabhartasan-dibhe, airson nan tarbh, airson nan reitheachan, agus airson nan uan, a rèir an àireimh, a rèir a’ ghnàtha;

25Agus aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt-pheacaidh, a thuilleadh air an ìobairt-loisgte ghnàthaichte, a tabhartas-bìdh, agus a tabhartas-dibhe.

26Agus air a chòigeamh là naoi tairbh, dà reithe, agus ceithir-uain-deug den chiad bhliadhna gun ghaoid:

27Agus bidh an tabhartas-bìdh, agus an tabhartasan-dibhe, airson nan tarbh, airson nan reitheachan, agus airson nan uan, a rèir an àireimh, a rèir a’ ghnàtha;

28Agus aon bhoc-goibhre a‑chum ìobairt-pheacaidh, a thuilleadh air an ìobairt-loisgte ghnàthaichte, agus a tabhartas-bìdh, agus a tabhartas-dibhe.

29Agus air an t‑siathamh là ochd tairbh, dà reithe, agus ceithir-uain-deug den chiad bhliadhna gun ghaoid:

30Agus bidh an tabhartas-bìdh, agus an tabhartasan-dibhe, airson nan tarbh, airson nan reitheachan, agus airson nan uan, a rèir an àireimh, a rèir a’ ghnàtha;

31Agus aon bhoc-goibhre a‑chum ìobairt-pheacaidh, a thuilleadh air an ìobairt-loisgte ghnàthaichte, a tabhartas-bìdh, agus a tabhartas-dibhe.

32Agus air an t‑seachdamh là, seachd tairbh, dà reithe, agus ceithir-uain-deug den chiad bhliadhna gun ghaoid:

33Agus bidh an tabhartas-bìdh, agus an tabhartasan-dibhe, airson nan tarbh, airson nan reitheachan, agus airson nan uan, a rèir an àireimh, a rèir a’ ghnàtha;

34Agus aon bhoc-goibhre a‑chum ìobairt-pheacaidh, a thuilleadh air an ìobairt-loisgte ghnàthaichte, a tabhartas-bìdh, agus a tabhartas-dibhe.

35Agus air an ochdamh là bidh àrd-choitheanal agaibh: obair thràilleil sam bith cha dèan sibh air:

36Ach bheir sibh seachad a‑chum ìobairt-loisgte ìobairt a bheirear suas le teine, de fhàile cùbhraidh don Tighearna, aon tarbh, aon reithe, seachd uain den chiad bhliadhna gun ghaoid:

37Bidh an tabhartas-bìdh, agus an tabhartasan-dibhe, airson an tairbh, airson an reithe, agus airson nan uan, a rèir an àireimh, a rèir a’ ghnàtha;

38Agus aon bhoc-goibhre a‑chum ìobairt-pheacaidh, a thuilleadh air an ìobairt-loisgte ghnàthaichte, agus a tabhartas-bìdh, agus a tabhartas-dibhe.

39Na nithean sin nì sibh don Tighearna nur fèillean suidhichte; a thuilleadh air ur bòidean, agus ur tabhartasan saor-thoile, airson ur n‑ìobairtean-loisgte, agus airson ur tabhartas-bìdh, agus airson ur tabhartas-dibhe, agus airson ur tabhartas-sìthe.

40Agus dh’innis Maois do chloinn Israeil a rèir gach nì a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index