Search form

Àireamh 3

1Is iad seo mar an ceudna ginealaichean Aaroin agus Mhaois, anns an là anns an do labhair an Tighearna ri Maois ann an sliabh Shinài.

2Agus is iad seo ainmean mic Aaroin; Nàdab an ciad-ghin, agus Abihu, Eleàsar, agus Itamar.

3Is iad sin ainmean mic Aaroin, na sagartan a dh’ungadh, a choisrig e gu frithealadh ann an dreuchd an t‑sagairt.

4Agus fhuair Nàdab agus Abihu bàs an làthair an Tighearna, nuair a thug iad suas teine coimheach an làthair an Tighearna, ann am fàsach Shinài, agus cha robh clann aca: agus fhritheil Eleàsar agus Itamar ann an dreuchd an t‑sagairt, ann an sealladh Aaroin an athair.

5Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

6Thoir treubh Lèbhi am fagas, agus taisbein iad an làthair Aaroin an sagart, a‑chum is gum fritheil iad dha.

7Agus gleidhidh iad a chùram-san, agus cùram a’ choitheanail uile, air beulaibh pàillean a’ choitheanail a dhèanamh seirbhis a’ phàillein.

8Agus gleidhidh iad uile shoithichean pàillean a’ choitheanail, agus cùram chloinn Israeil, a dhèanamh seirbhis a’ phàillein.

9Agus bheir thu na Lèbhithich do Aaron, agus da mhic: tha iad air an tabhairt dha gu h‑iomlan a‑mach à cloinn Israeil.

10Agus òrdaichidh tu Aaron agus a mhic, agus feithidh iadsan air dreuchd an t‑sagairt: agus cuirear an coigreach, a thig am fagas, gu bàs.

11Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

12Agus mise, feuch, ghabh mi na Lèbhithich o mheasg chloinn Israeil, an àit a’ chiad-ghin uile a dh’fhosglas a’ bhrù am measg chloinn Israeil: agus is leamsa na Lèbhithich;

13A chionn gur leamsa gach uile chiad-ghin; oir air an là anns an do bhuail mi gach ciad-ghin ann an tìr na h‑Eiphit, naomhaich mi dhomh fhèin gach ciad-ghin ann an Israeil, eadar dhuine agus ainmhidh; is leamsa iad: Is mise an Tighearna.

14Agus labhair an Tighearna ri Maois ann am fàsach Shinài, ag ràdh,

15Àireamh clann Lèbhi a rèir taighean an athraichean, a rèir an teaghlaichean: gach fireannach o mhìos a dh’aois agus os a chionn àirmhidh tu iad.

16Agus dh’àireamh Maois iad a rèir facal an Tighearna, mar a thugadh àithne dha.

17Agus b’iad seo mic Lèbhi a rèir an ainmean: Gerson, agus Cohat, agus Merari.

18Agus is iad seo ainmean mic Ghersoin a rèir an teaghlaichean: Libni agus Simei.

19Agus mic Chohait a rèir an teaghlaichean: Amram, agus Idsar, Hebron, agus Udsiel.

20Agus mic Mherari a rèir an teaghlaichean: Mahli, agus Musi: is iad sin teaghlaichean nan Lèbhitheach, a rèir taighean an athraichean.

21O Gherson bha teaghlach Libni, agus teaghlach Shimei: is iad sin teaghlaichean nan Gersonach.

22Iadsan a chaidh àireamh dhiubh, a rèir àireamh nam fireannach uile, o mhìos a dh’aois agus os a chionn, eadhon iadsan a chaidh àireamh dhiubh, b’iad seachd mìle agus còig ceud.

23Suidhichidh teaghlaichean nan Gersonach air cùlaibh a’ phàillein air taobh na h‑àird an iar.

24Agus bidh Eliasaph mac Laeil na cheann-taighe athraichean nan Gersonach.

25Agus air cùram mic Ghersoin, ann am pàillean a’ choitheanail, bidh am pàillean, agus am bùth, a chòmhdach, agus am brat airson doras pàillean a’ choitheanail,

26Agus cùirteanan na cùirte, agus am brat airson doras na cùirte, a tha làimh ris a’ phàillean, agus làimh ris an altair mun cuairt, agus a cùird, airson a seirbhis uile.

27Agus o Chohat bha teaghlach nan Amramach, agus teaghlach nan Idseharach, agus teaghlach nan Hebronach, agus teaghlach nan Udsielach: is iad sin teaghlaichean nan Cohatach.

28Ann an àireamh nam fireannach uile o mhìos a dh’aois agus os a chionn bha ochd mìle agus sia ceud, a bha a’ gleidheadh cùram an ionaid naoimh.

29Suidhichidh teaghlaichean mic Chohait air taobh a’ phàillein mu dheas.

30Agus bidh Elisaphan mac Udsieil na cheann-taighe athair-theaghlaichean nan Cohatach.

31Agus air an cùram-san bidh an àirc, agus am bòrd, agus an coinnleir, agus na h‑altairean, agus soithichean an ionaid naoimh, leis am fritheil iad, agus am brat, agus a sheirbhis uile.

32Agus bidh Eleàsar, mac Aaroin an sagart, na cheannard air ceannardan nan Lèbhitheach, agus bidh sùil aige orrasan a bhios a’ gleidheadh cùram an ionaid naoimh.

33O Mherari bha teaghlach nam Mahlach, agus teaghlach nam Musitheach: is iad sin teaghlaichean Mherari.

34Agus iadsan a chaidh àireamh dhiubh, a rèir àireamh nam fireannach uile, o mhìos a dh’aois agus os a chionn, b’iad sia mìle agus dà cheud.

35Agus b’e Suriel mac Abihail ceann-taighe athair-theaghlaichean Mherari; suidhichidh iadsan air taobh a’ phàillein mu thuath.

36Agus fo choimhead agus chùram mic Mherari bidh bùird a’ phàillein, agus a chroinn, agus a phuist, agus a bhuinn, agus a shoithichean uile, agus gach nì a fhrithealas dha,

37Agus puist na cùirte mun cuairt, agus am buinn, agus am pinneachan, agus an cùird.

38Ach iadsan a champaicheas air beulaibh a’ phàillein air taobh na h‑àird an ear, eadhon air beulaibh pàillean a’ choitheanail leth ri èirigh na grèine, is iad Maois, agus Aaron, agus a mhic, a’ gleidheadh cùram an ionaid naoimh, airson cùram chloinn Israeil; agus cuirear an coigreach, a thig am fagas, gu bàs.

39Iadsan uile a chaidh àireamh de na Lèbhithich, a dh’àireamh Maois agus Aaron a rèir àithne an Tighearna, a rèir an teaghlaichean, na fireannaich uile o mhìos a dh’aois agus os a chionn, b’iad dà mhìle ar fhichead.

40Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Gabh àireamh gach ciad-ghin a tha na fhireannach de chloinn Israeil o mhìos a dh’aois agus os a chionn, agus gabh àireamh an ainmean.

41Agus gabhaidh tu na Lèbhithich dhòmhsa (Is mise an Tighearna), an àite nan ciad-ghin uile am measg chloinn Israeil; agus sprèidh nan Lèbhitheach an àite nan ciad-ghin uile am measg sprèidh chloinn Israeil.

42Agus dh’àireamh Maois, mar a dh’àithn an Tighearna dha, gach ciad-ghin am measg chloinn Israeil.

43Agus gach ciad-ghin a bha na fhireannach, a rèir àireamh nan ainmean, o mhìos a dh’aois agus os a chionn, dhiubhsan a chaidh àireamh dhiubh, b’iad dà mhìle ar fhichead, dà cheud agus trì-fichead agus trì-deug.

44Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

45Gabh na Lèbhithich an àite nan ciad-ghin uile am measg chloinn Israeil, agus sprèidh nan Lèbhitheach an àite an sprèidhe-san, agus bidh na Lèbhithich leamsa: Is mise an Tighearna.

46Agus air an son-san a tha gu bhith air am fuasgladh den dà cheud agus an trì-fichead agus an trì-deug, de chiad-ghin chloinn Israeil, a tha nas lìonmhoire na na Lèbhithich;

47Gabhaidh tu eadhon còig seceil am fear air an ceann; a rèir secel an ionaid naoimh gabhaidh tu iad: is e an secel fichead gerah.

48Agus bheir thu an t‑airgead, leis am fuasglar an àireamh chòrr dhiubh, do Aaron agus da mhic.

49Agus ghabh Maois an t‑airgead fuasglaidh uapasan a bha a thuilleadh orrasan a dh’fhuasgladh leis na Lèbhithich.

50O chiad-ghin chloinn Israeil ghabh e an t‑airgead: mìle trì cheud agus trì-fichead agus còig seceil, a rèir secel an ionaid naoimh.

51Agus thug Maois airgead na muinntir sin a dh’fhuasgladh do Aaron agus da mhic, a rèir facal an Tighearna, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index