Search form

Àireamh 32

1A‑nis bha aig cloinn Reubein agus cloinn Ghad ro‑mhòran sprèidhe: agus nuair a chunnaic iad fearann Iaseir, agus fearann Ghilead, feuch bha an t‑àite na àite sprèidhe:

2Agus thàinig clann Ghad, agus clann Reubein, agus labhair iad ri Maois, agus ri Eleàsar an sagart, agus ri uachdarain a’ co‑chruinneachaidh, ag ràdh,

3Atarot, agus Dibon, agus Iaser, agus Nimrah, agus Hesbon, agus Elealeh, agus Sèbam, agus Nebo, agus Beon;

4Eadhon an dùthaich a bhuail an Tighearna ro cho-chruinneachadh Israeil, is fearann e airson sprèidhe, agus tha sprèidh aig do sheirbhisich.

5Uime sin, arsa iadsan, ma fhuair sinn deagh-ghean ad shealladh, thugar am fearann seo dod sheirbhisich mar sheilbh, agus na toir sinn a‑null thar Iòrdan.

6Agus thubhairt Maois ri cloinn Ghad, agus ri cloinn Reubein, An tèid ur bràithrean gu cogadh, agus an suidh sibhse an seo?

7Agus carson a bheir sibh mì‑mhisneach do chridhe chloinn Israeil, a dhol a‑null don fhearann a thug an Tighearna dhaibh?

8Mar seo rinn ur n‑athraichean nuair a chuir mi iad o Chadeis-barnea a dh’amharc na tìre:

9Nuair a chaidh iad suas gu gleann Escoil, agus a chunnaic iad am fearann, thug iad mì‑mhisneach do chridhe chloinn Israeil, a‑chum nach rachadh iad a‑steach don fhearann a thug an Tighearna dhaibh.

10Agus las corraich an Tighearna anns an àm sin fhèin, agus mhionnaich e, ag ràdh,

11Gu cinnteach chan fhaic a h‑aon de na daoine a thàinig a‑nìos as an Eiphit, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, am fearann a mhionnaich mi do Abrahàm, do Isaac, agus do Iàcob, a chionn nach do lean iad mi gu h‑iomlan:

12Saor o Chàleb mac Iephuneh an Ceniseach, agus Iosua mac Nuin: oir lean iadsan an Tighearna gu h‑iomlan.

13Agus las corraich an Tighearna an aghaidh Israeil, agus chuir e air seachran iad anns an fhàsach dà‑fhichead bliadhna, gus an deachaidh as don ghinealach sin uile a rinn olc an sealladh an Tighearna.

14Agus, feuch, tha sibhse air èirigh suas an àite ur n‑athraichean, gineal dhroch dhaoine, a mheudachadh fhathast mòr-chorraich an Tighearna ri Israel.

15Oir ma thionndaidheas sibh air falbh o a leantainn-san, fàgaidh e fhathast uair eile anns an fhàsach iad, agus sgriosaidh sibh an sluagh seo uile.

16Agus thàinig iad am fagas dha, agus thubhairt iad, Togaidh sinn mainnirean chaorach an seo dar sprèidh, agus bailtean dar cloinn bhig:

17Ach thèid sinn fhèin deas-armaichte ro chloinn Israeil, gus an toir sinn iad dan àite; agus nì ar clann bheag còmhnaidh anns na bailtean daingnichte air sgàth luchd-àiteachaidh na tìre.

18Cha till sinn dar taighean gus an sealbhaich clann Israeil gach duine dhiubh a oighreachd fhèin.

19Oir cha sealbhaich sinne maille riùsan an taobh eile de Iòrdan, no thall o sin; a chionn gun do thuit ar n‑oighreachd dhuinne air an taobh seo de Iòrdan a làimh na h‑àird an ear.

20Agus thubhairt Maois riu, Ma nì sibh an nì seo, ma thèid sibh fo ur n‑airm ron Tighearna gu cogadh,

21Agus gun tèid sibh uile armaichte thar Iòrdan ron Tighearna, gus am fuadaich e a‑mach a naimhdean as a làthair,

22Agus gun ceannsaichear am fearann ann am fianais an Tighearna; na dhèidh sin tillidh sibh, agus bidh sibh neo-choireach an làthair an Tighearna, agus an làthair Israeil, agus bidh am fearann seo na sheilbh agaibh am fianais an Tighearna.

23Ach mura dèan sibh mar seo, feuch, pheacaich sibh an aghaidh an Tighearna; agus bithibh cinnteach gum faigh ur peacadh a‑mach sibh.

24Togaibh bailtean dur cloinn bhig, agus mainnirean dur caoraich; agus dèanaibh an nì a chaidh a‑mach as ur beul.

25Agus labhair clann Ghad agus clann Reubein ri Maois, ag ràdh, Nì do sheirbhisich mar a tha mo thighearna ag àithneadh.

26Bidh ar clann bheag, ar mnathan, ar treudan agus ar sprèidh uile an sin ann am bailtean Ghilead:

27Ach thèid do sheirbhisich thairis, gach fear dhiubh armaichte a‑chum cogaidh, ron Tighearna gu cath, mar a tha mo thighearna ag ràdh.

28Agus thug Maois àithne dan taobh do Eleàsar an sagart, agus do Iosua mac Nuin, agus do phrìomh-athraichean treubhan chloinn Israeil:

29Agus thubhairt Maois riu, Ma thèid clann Ghad agus clann Reubein a‑null maille ribh thar Iòrdan, gach fear dhiubh armaichte gu cath an làthair an Tighearna, agus gun ceannsaichear an tìr romhaibh, an sin bheir sibh dhaibh fearann Ghilead mar sheilbh:

30Ach mura tèid iad thairis maille ribh armaichte, bidh sealbh aca nur measg fhèin ann an tìr Chanàain.

31Agus fhreagair clann Ghad, agus clann Reubein, ag ràdh, Mar a thubhairt an Tighearna rid sheirbhisich, mar sin nì sinne.

32Thèid sinn a‑null armaichte ron Tighearna do thìr Chanàain, a‑chum is gum bi sealbh ar n‑oighreachd againn air an taobh seo de Iòrdan.

33Agus thug Maois dhaibh, eadhon do chloinn Ghad, agus do chloinn Reubein, agus do leth-threubh Mhanaseh mhic Iòseiph, rìoghachd Shihoin rìgh nan Amorach, agus rìoghachd Og rìgh Bhasain, an tìr maille ra bailtean anns na crìochan, eadhon bailtean na dùthcha mun cuairt.

34Agus thog clann Ghad Dibon, agus Atarot, agus Aroer,

35Agus Atrot, Sophan, agus Iaser, agus Iogbehah,

36Agus Bet-nimrah, agus Bethàran, bailtean daingnichte; agus mainnirean airson chaorach.

37Agus thog clann Reubein Hesbon, agus Elealeh, agus Ciriataim,

38Agus Nebo, agus Bàal-meon (air dan ainmean a bhith air an atharrachadh), agus Sibmah: agus thug iad ainmean eile do na bailtean a thog iad.

39Agus chaidh clann Mhachir mhic Mhanaseh do Ghilead, agus ghlac iad e, agus chuir iad à seilbh an t‑Amorach a bha ann.

40Agus thug Maois Gilead do Mhachir mac Mhanaseh; agus ghabh e còmhnaidh ann.

41Agus chaidh Iaer mac Mhanaseh, agus ghlac e a bhailtean beaga, agus thug e Habhot-iair mar ainm orra.

42Agus chaidh Nobah agus ghlac e Cenat, agus a bhailtean beaga, agus thug e Nobah mar ainm air, a rèir a ainme fhèin.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index