Search form

Àireamh 33

1Is iad seo turasan chloinn Israeil, a chaidh a‑mach à tìr na h‑Eiphit, a rèir an armailtean, fo làimh Mhaois agus Aaroin.

2Agus sgrìobh Maois an dol a‑mach a rèir an turasan, air àithne an Tighearna: agus is iad seo an turasan, a rèir an dol a‑mach.

3Agus dh’imich iad o Rameses anns a’ chiad mhìos, air a’ chòigeamh-là‑deug den chiad mhìos: air an là màireach an dèidh na càisge, chaidh clann Israeil a‑mach le làimh àird ann an sealladh nan Eiphiteach uile.

4(Oir dh’adhlaic na h‑Eiphitich an ciad-ghin uile, a bhuail an Tighearna nam measg: air an diathan mar an ceudna chuir an Tighearna breitheanas an gnìomh.)

5Agus dh’imich clann Israeil à Rameses, agus champaich iad ann an Sucot.

6Agus dh’imich iad o Shucot, agus champaich iad ann an Etam, a tha ann an iomall an fhàsaich.

7Agus dh’imich iad o Etam, agus thill iad a‑rìs gu Pihahirot, a tha fa chomhair Bhàal-sèphoin: agus champaich iad fa chomhair Mhigdol.

8Agus dh’imich iad o chomhair Phihahirot, agus chaidh iad tro mheadhon na fairge don fhàsach, agus dh’imich iad astar trì làithean ann am fàsach Etaim, agus champaich iad ann am Màrah.

9Agus dh’imich iad o Mhàrah, agus thàinig iad gu Elim: agus ann an Elim bha dà‑thobar-dheug uisge, agus deich agus trì-fichead craobh phailme: agus champaich iad an sin.

10Agus dh’imich iad o Elim, agus champaich iad làimh ris a’ mhuir ruaidh.

11Agus dh’imich iad on mhuir ruaidh, agus champaich iad ann am fàsach Shin.

12Agus dh’imich iad à fàsach Shin, agus champaich iad ann an Dophcah.

13Agus dh’imich iad o Dhophcah, agus champaich iad ann an Alas.

14Agus dh’imich iad o Alas, agus champaich iad ann an Rephidim, far nach robh uisge aig an t‑sluagh ri òl.

15Agus dh’imich iad o Rephidim, agus champaich iad ann am fàsach Shinài.

16Agus dh’imich iad o fhàsach Shinài, agus champaich iad ann an Cibrot-hataabhah.

17Agus dh’imich iad o Chibrot-hatabhah, agus champaich iad ann an Haserot.

18Agus dh’imich iad o Haserot, agus champaich iad ann an Ritmah.

19Agus dh’imich iad o Ritmah, agus champaich iad ann an Rimon-pares.

20Agus dh’imich iad o Rimon-pares, agus champaich iad ann an Libnah.

21Agus dh’imich iad o Libnah, agus champaich iad ann an Risah.

22Agus dh’imich iad o Risah, agus champaich iad ann an Cehelatah.

23Agus dh’imich iad o Chehelatah, agus champaich iad ann an sliabh Shapher.

24Agus dh’imich iad o shliabh Shapher, agus champaich iad ann an Haradah.

25Agus dh’imich iad o Haradah, agus champaich iad ann am Machelot.

26Agus dh’imich iad o Mhachelot, agus champaich iad ann an Tahat.

27Agus dh’imich iad o Thahat, agus champaich iad ann an Tarah.

28Agus dh’imich iad o Tharah, agus champaich iad ann am Mitcah.

29Agus dh’imich iad o Mhitcah, agus champaich iad ann an Hasmonah.

30Agus dh’imich iad o Hasmonah, agus champaich iad ann am Moserot.

31Agus dh’imich iad o Mhoserot, agus champaich iad ann am Bene-iaacan.

32Agus dh’imich iad o Bhene-iaacan, agus champaich iad ann an Hor-hagidgad.

33Agus dh’imich iad o Hor-hagidgad, agus champaich iad ann an Iot-batah.

34Agus dh’imich iad o Iot-batah, agus champaich iad ann an Ebronah.

35Agus dh’imich iad o Ebronah, agus champaich iad ann an Esion-gaber.

36Agus dh’imich iad o Esion-gaber, agus champaich iad ann am fàsach Shin: is e seo Cadeis.

37Agus dh’imich iad o Chadeis, agus champaich iad ann an sliabh Hor, ann an iomall fearann Edoim.

38Agus chaidh Aaron an sagart suas gu sliabh Hor, air àithne an Tighearna, agus fhuair e bàs an sin, anns an dà‑fhicheadamh bliadhna an dèidh do chloinn Israeil teachd a‑mach à tìr na h‑Eiphit, air a’ chiad là den chòigeamh mìos.

39Agus bha Aaron ceud agus fichead agus trì bliadhna a dh’aois, nuair a dh’eug e ann an sliabh Hor.

40Agus chuala rìgh Arad an Canàanach (a bha a chòmhnaidh anns an àird a deas ann an tìr Chanàain) mu theachd chloinn Israeil.

41Agus dh’imich iad o shliabh Hor, agus champaich iad ann an Salmonah.

42Agus dh’imich iad o Shalmonah, agus champaich iad ann am Punon.

43Agus dh’imich iad o Phunon, agus champaich iad ann an Obot.

44Agus dh’imich iad o Obot, agus champaich iad ann an Iie-abarim, ann an crìch Mhòaib.

45Agus dh’imich iad o Iim, agus champaich iad ann an Dibon-gad.

46Agus dh’imich iad o Dhibon-gad, agus champaich iad ann an Almon-diblataim.

47Agus dh’imich iad o Almon-diblataim, agus champaich iad ann an slèibhtean Abarim, fa chomhair Nebo.

48Agus dh’imich iad o shlèibhtean Abarim, agus champaich iad ann an còmhnardan Mhòaib, làimh ri Iòrdan am fagas do Iericho.

49Agus champaich iad làimh ri Iòrdan, o Bhet-iesimot eadhon gu Abel-sitim, ann an còmhnardan Mhòaib.

50Agus labhair an Tighearna ri Maois ann an còmhnardan Mhòaib, làimh ri Iòrdan am fagas do Iericho, ag ràdh,

51Labhair ri cloinn Israeil, agus abair riu, Nuair a thèid sibh a‑null thar Iòrdan, do thìr Chanàain;

52An sin fògraidh sibh a‑mach uile luchd-àiteachaidh na tìre as ur fianais, agus cuiridh sibh as dan dealbhan uile, agus sgriosaidh sibh an coslais leaghte uile, agus fàsaichidh sibh an ionadan àrda uile.

53Agus cuiridh sibh à seilbh luchd-àiteachaidh an fhearainn, agus nì sibh còmhnaidh ann: oir thug mise dhuibh am fearann ra shealbhachadh.

54Agus roinnidh sibh am fearann le crannchur mar oighreachd am measg ur teaghlaichean: dhaibhsan as lìonmhoire bheir sibh an oighreachd as mò, agus dhaibhsan as teirce bheir sibh an oighreachd as lugha: bidh oighreachd gach duine anns an àit anns an tuit a chrannchur; a rèir treubhan ur n‑athraichean sealbhaichidh sibh.

55Ach mura fògair sibh a‑mach luchd-àiteachaidh an fhearainn as ur fianais, an sin bidh iadsan dhiubh don leig sibh fuireach nan sgolban nur sùilean, agus nam bioran nur taobhan, agus cuiridh iad campar oirbh anns an fhearann anns am bi sibh a chòmhnaidh.

56Os bàrr tàrlaidh, mar a smaoinich mi a dhèanamh riùsan, gun dèan mi ribhse.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index