Search form

Àireamh 4

1Agus labhair an Tighearna ri Maois, agus ri Aaron, ag ràdh,

2Gabh àireamh mic Chohait o mheasg mic Lèbhi, a rèir an teaghlaichean, a rèir taigh an athraichean:

3O dheich-bliadhna-fichead a dh’aois agus os a chionn, eadhon gu leth-cheud bliadhna a dh’aois, gach neach a thèid a‑steach don armailt, a dhèanamh na h‑obrach ann am pàillean a’ choitheanail.

4Seo an t‑seirbhis a bhios aig mic Chohait, ann am pàillean a’ choitheanail, mu thimcheall nan nithean ro‑naomha.

5Agus nuair a bhios an camp gu dol air aghaidh, thig Aaron agus a mhic, agus bheir iad a‑nuas brat a’ chòmhdaich, agus còmhdaichidh iad àirc na Fianais leis;

6Agus cuiridh iad oirre an còmhdach de chraicnean bhroc, agus sgaoilidh iad os a cionn aodach uile de ghorm, agus cuiridh iad a bataichean innte.

7Agus air bòrd aran na Fianais sgaoilidh iad aodach de ghorm, agus cuiridh iad air na miasan, agus na tùiseirean, agus na cupain, agus na cuachan leis an toirear seachad tabhartas-dibhe: agus bidh an t‑aran an còmhnaidh air.

8Agus sgaoilidh iad orra aodach sgàrlaid, agus còmhdaichidh iad sin le còmhdach de chraicnean bhroc, agus cuiridh iad a bhataichean ann.

9Agus gabhaidh iad aodach de ghorm, agus còmhdaichidh iad coinnleir an t‑solais, agus a lòchrain, agus a chlobhachan, agus a smàl-shoithichean, agus a shoithichean-ola uile, leis am fritheil iad dha.

10Agus cuiridh iad e fhèin, agus a shoithichean uile, ann an còmhdach de chraicnean bhroc, agus cuiridh iad air lunn e.

11Agus air an altair òir sgaoilidh iad aodach de ghorm, agus còmhdaichidh iad i le còmhdach de chraicnean bhroc, agus cuiridh iad rithe a bataichean.

12Agus gabhaidh iad na h‑innealan-frithealaidh uile leis am fritheil iad anns an ionad naomh, agus cuiridh iad ann an aodach de ghorm iad, agus còmhdaichidh iad le còmhdach de chraicnean bhroc iad, agus cuiridh iad air lunn iad.

13Agus bheir iad air falbh an luath on altair, agus sgaoilidh iad aodach corcair oirre;

14Agus cuiridh iad oirre a soithichean uile, leis am fritheil iad ma timcheall, eadhon na tùiseirean, na greimichean-feòla, agus na sluasaidean, agus na cuachan, soithichean na h‑altarach uile; agus sgaoilidh iad oirre còmhdach de chraicnean bhroc, agus cuiridh iad rithe a bataichean.

15Agus crìochnaichidh Aaron agus a mhic còmhdach an ionaid naoimh, agus uile shoithichean an ionaid naoimh, nuair a bhios an camp gu dol air aghaidh; agus an dèidh sin thig mic Chohait gan giùlan: ach cha bhean iad ri nì naomh sam bith, air eagal gum bàsaich iad. Is iad na nithean sin eallach mic Chohait ann am pàillean a’ choitheanail.

16Agus do dhreuchd Eleàsair mhic Aaroin, an sagart, buinidh an ola a‑chum an t‑solais, agus an tùis chùbhraidh, agus an tabhartas-bìdh làitheil, agus an ola-ungaidh, agus cùram a’ phàillein uile, agus nan uile nithean a tha ann, anns an ionad naomh, agus na shoithichean.

17Agus labhair an Tighearna ri Maois, agus ri Aaron, ag ràdh,

18Na gearraibh as treubh teaghlaichean nan Cohatach o mheasg nan Lèbhitheach.

19Ach seo nì sibh riu, a‑chum gum bi iad beò agus nach bàsaich iad, nuair a thig iad am fagas do na nithean ro‑naomha; thèid Aaron agus a mhic a‑steach, agus òrdaichidh iad iad gach aon da sheirbhis fhèin, agus da eallaich.

20Ach cha tèid iad a‑steach a dh’fhaicinn nuair a chòmhdaichear na nithean naomha, air eagal gum faigh iad bàs.

21Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

22Gabh mar an ceudna àireamh mic Ghersoin, a rèir taighean an athraichean, a rèir an teaghlaichean:

23O dheich-bliadhna-fichead a dh’aois agus os a chionn, gu leth-ceud bliadhna a dh’aois àirmhidh tu iad; gach neach a thèid a‑steach a dhèanamh na seirbhis, a dhèanamh na h‑obrach ann am pàillean a’ choitheanail.

24Is i seo seirbhis teaghlaichean nan Gersonach, seirbhis a dhèanamh, agus eallach a ghiùlan.

25Agus giùlainidh iad cùirteanan a’ phàillein, agus pàillean a’ choitheanail, a chòmhdach, agus an còmhdach de chraicnean bhroc, a tha shuas thairis air, agus brat doras pàillean a’ choitheanail.

26Agus cùirteanan na cùirte, agus brat doras geata na cùirte, a tha làimh ris a’ phàillean, agus ris an altair mun cuairt, agus an cùird, agus innealan am frithealaidh uile, agus gach nì a rinneadh air an son: mar seo nì iad seirbhis.

27A rèir facal Aaroin agus a mhac bidh uile sheirbhis mic nan Gersonach, nan eallaichean uile, agus nan seirbhis uile: agus òrdaichidh sibh dhaibh mar an cùram an eallaichean uile.

28Is i seo seirbhis teaghlaichean mic Ghersoin, ann am pàillean a’ choitheanail; agus bidh an cùram fo làimh Itamair mhic Aaroin an sagart.

29A‑thaobh mic Mherari, àirmhidh tu iad a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean:

30O dheich-bliadhna-fichead a dh’aois agus os a chionn, eadhon gu lethcheud bliadhna a dh’aois, àirmhidh tu iad, gach aon a thèid a‑steach don t‑seirbhis, a dhèanamh obair pàillean a’ choitheanail.

31Agus is e seo cùram an eallaich, a rèir an seirbhis uile ann am pàillean a’ choitheanail; bùird a’ phàillein agus a chroinn, agus a phuist, agus a bhuinn,

32Agus puist na cùirte mun cuairt, agus am buinn, agus am pinneachan, agus an cùird, maille rin innealan uile, agus maille rin seirbhis uile; agus air an ainm àirmhidh sibh innealan cùram an eallaich.

33Is i seo seirbhis teaghlaichean mic Mherari, a rèir an seirbhis uile ann am pàillean a’ choitheanail, fo làimh Itamair mhic Aaroin an sagart.

34Agus dh’àireamh Maois agus Aaron agus ceannardan a’ cho-chruinneachaidh mic nan Cohatach, a rèir an teaghlaichean, agus a rèir taighean an athraichean:

35O dheich-bliadhna-fichead a dh’aois agus os a chionn, eadhon gu lethcheud bliadhna a dh’aois, gach aon a thèid a‑steach don t‑seirbhis, a‑chum obair ann am pàillean a’ choitheanail.

36Agus iadsan a chaidh àireamh dhiubh, a rèir an teaghlaichean, b’iad dà mhìle, seachd ceud agus lethcheud.

37B’iad seo iadsan a chaidh àireamh de theaghlaichean nan Cohatach, gach neach a dh’fhaodadh seirbhis a dhèanamh ann am pàillean a’ choitheanail, a dh’àireamh Maois agus Aaron, a rèir àithne an Tighearna le làimh Mhaois.

38Agus iadsan a chaidh àireamh de mhic Ghersoin, a rèir an teaghlaichean, agus a rèir taighean an athraichean:

39O dheich-bliadhna-fichead a dh’aois agus os a chionn, eadhon gu lethcheud bliadhna a dh’aois, gach aon a thèid a‑steach don t‑seirbhis, a‑chum obair ann am pàillean a’ choitheanail;

40Eadhon iadsan a chaidh àireamh dhiubh, a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean, b’iad dà mhìle agus sia ceud agus deich-ar‑fhichead.

41Seo iadsan a chaidh àireamh de theaghlaichean mic Ghersoin, de gach neach a dh’fhaodadh seirbhis a dhèanamh ann an pàillean a’ choitheanail, a dh’àireamh Maois agus Aaron a rèir àithne an Tighearna.

42Agus iadsan a chaidh àireamh de theaghlaichean mic Mherari, a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean;

43O dheich-bliadhna-fichead a dh’aois agus os a chionn, eadhon gu leth-cheud bliadhna a dh’aois, gach aon a thèid a‑steach don t‑seirbhis, a‑chum obair ann am pàillean a’ choitheanail;

44Eadhon iadsan a chaidh àireamh dhiubh, a rèir an teaghlaichean, b’iad trì mìle agus dà cheud.

45Seo iadsan a chaidh àireamh de theaghlaichean mic Mherari, a dh’àireamh Maois agus Aaron, a rèir facal an Tighearna le làimh Mhaois.

46Iadsan uile a chaidh àireamh de na Lèbhithich, a dh’àireamh Maois agus Aaron agus ceannardan Israeil, a rèir an teaghlaichean, agus a rèir taighean an athraichean;

47O dheich-bliadhna-fichead a dh’aois agus os a chionn, eadhon gu leth-cheud bliadhna a dh’aois, gach aon a thàinig a dhèanamh seirbhis an fhrithealaidh, agus seirbhis na h‑eallaich ann am pàillean a’ choitheanail;

48Eadhon iadsan a chaidh àireamh dhiubh, b’iad ochd mìle agus còig ceud agus ceithir-fichead.

49A rèir àithne an Tighearna dh’àirmheadh iad le làimh Mhaois, gach aon a rèir a sheirbhis, agus a rèir a eallaich: mar seo dh’àirmheadh iad leis, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index