Search form

Àireamh 6

1Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

2Labhair ri cloinn Israeil, agus abair riu, Nuair a dhealaicheas aon chuid bean no fear iad fhèin a bhòideachadh bòid Nàsaraich, a‑chum iad fhèin a dhealachadh don Tighearna;

3O fhìon agus o dhibh làidir sgaraidh e e fhèin; fìon-geur fìona, no fìon-geur dibhe làidir chan òl e, cha mhò a dh’òlas e a’ bheag de shùgh nam fìondhearcan, cha mhò a dh’itheas e fìondhearcan ùr no tioram.

4Uile làithean a dhealachaidh chan ith e a’ bheag a nìthear den chraoibh-fhìona, o na h‑eiteanan gus am plaosg.

5Uile làithean bòid a dhealachaidh, cha tig ealtainn air a cheann: gus an coileanar na làithean anns an dealaich e e fhèin don Tighearna, bidh e naomh; agus leigidh e le ciabhan gruag a chinn fàs.

6Anns na làithean sin uile anns an dealaich e e fhèin don Tighearna, cha tig e am fagas do chorp marbh sam bith.

7Cha dèan e e fhèin neòghlan airson a athar, no airson a mhàthar, airson a bhràthar, no airson a pheathar, nuair a gheibh iad bàs; do bhrìgh gu bheil coisrigeadh a Dhè air a cheann.

8Uile làithean a dhealachaidh tha e naomh don Tighearna.

9Agus ma gheibh duine gu h‑obann bàs làimh ris, agus gun do shalaich e ceann a choisrigidh, an sin bearraidh e a cheann ann an là a ghlanaidh, air an t‑seachdamh là bearraidh e e.

10Agus air an ochdamh là bheir e dà thurtar, no dà chalaman òg, a dh’ionnsaigh an t‑sagairt, gu doras pàillean a’ choitheanail.

11Agus ìobraidh an sagart fear dhiubh mar ìobairt-pheacaidh, agus am fear eile mar ìobairt-loisgte, agus nì e rèite air a shon, do bhrìgh gun do pheacaich e a‑thaobh a’ mhairbh, agus naomhaichidh e a cheann anns an là sin fhèin.

12Agus coisrigidh e don Tighearna làithean a dhealachaidh, agus bheir e leis uan den chiad bhliadhna a‑chum ìobairt-easaontais: ach bidh na làithean a chaidh seachad caillte, do bhrìgh gun do shalaicheadh a dhealachadh.

13Agus is e seo lagh an Nàsaraich: Nuair a choileanar làithean a dhealachaidh, bheirear e gu doras pàillean a choitheanail:

14Agus bheir e seachad a thabhartas don Tighearna, aon uan fireann den chiad bhliadhna gun ghaoid a‑chum ìobairt-loisgte, agus aon uan boireann den chiad bhliadhna gun ghaoid a‑chum ìobairt-pheacaidh, agus aon reithe gun ghaoid a‑chum ìobairt-shìthe;

15Agus basgaid de aran neo-ghortaichte, breacagan de fhlùr mìn measgte le ola, agus deàrnagan de aran neo-ghortaichte ungte le ola, agus an tabhartas-bìdh, agus an tabhartasan-dibhe.

16Agus bheir an sagart iad an làthair an Tighearna, agus ìobraidh e a ìobairt-pheacaidh, agus a ìobairt-loisgte.

17Agus ìobraidh e an reithe mar ìobairt thabhartas-sìthe don Tighearna, maille ris a’ bhasgaid de aran neo-ghortaichte: bheir an sagart seachad mar an ceudna a thabhartas-bìdh, agus a thabhartas-dibhe.

18Agus bearraidh an Nàsarach ceann a dhealachaidh, aig doras pàillean a’ choitheanail; agus gabhaidh e gruag-cinn a dhealachaidh agus cuiridh e i anns an teine a tha fo ìobairt nan tabhartas-sìthe.

19Agus gabhaidh an sagart slinnean bruith an reithe, agus aon bhreacag neo-ghortaichte as a’ bhasgaid, agus aon deàrnag neo-ghortaichte: agus cuiridh e iad air làmhan an Nàsaraich, an dèidh do ghruaig a dhealachaidh a bhith air a bearradh.

20Agus luaisgidh an sagart iad mar thabhartas-luaisgte an làthair an Tighearna; tha seo naomh don t‑sagart maille ris an uchd luaisgte, agus maille ris an t‑slinnean thogte: agus an dèidh sin faodaidh an Nàsarach fìon òl.

21Is e seo lagh an Nàsaraich, a thug bòid, agus lagh a thabhartais don Tighearna airson a dhealachaidh, a thuilleadh air na gheibh a làmh: a rèir a bhòid a bhòidich e, mar sin is èiginn dha a dhèanamh, a rèir lagh a dhealachaidh.

22Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

23Labhair ri Aaron agus ra mhic, ag ràdh, Air a’ mhodh seo beannaichidh sibh clann Israeil, ag ràdh riu,

24Gum beannaicheadh an Tighearna thu, agus gun gleidheadh e thu:

25Gun tugadh an Tighearna air a aghaidh dealrachadh ort, agus biodh e gràsmhor dhut:

26Gun togadh an Tighearna suas a ghnùis ort, agus gun tugadh e sìth dhut.

27Agus cuiridh iad m’ainm air cloinn Israeil, agus beannaichidh mise iad.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index