Search form

Àireamh 7

1Agus thàrladh air an là anns an do chuir Maois suas am pàillean gu h‑iomlan, agus anns an d’ung e e, agus anns an do naomhaich e e, agus a uidheam uile, araon an altair agus a soithichean uile, agus anns an d’ung e iad, agus anns an do naomhaich e iad;

2Gun tug ceannardan Israeil, cinn taighean an athraichean (eadhon ceannardan nan treubh, a bha os cionn na muinntir a chaidh àireamh), seachad tabhartas:

3Agus thug iad an tabhartas an làthair an Tighearna, sia feunan còmhdaichte, agus dà‑dhamh-dheug: feun airson dithis de na ceannardan, agus damh airson gach fir dhiubh, agus thug iad air beulaibh a’ phàillein iad.

4Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

5Gabh uapa iad, a‑chum is gum bi iad a dhèanamh seirbhis pàillean a’ choitheanail; agus bheir thu iad do na Lèbhitich, do gach fear a rèir a sheirbhis.

6Agus ghabh Maois na feunan agus na daimh, agus thug e do na Lèbhitich iad.

7Dà fheun agus ceithir daimh thug e do mhic Ghersoin, a rèir an seirbhis.

8Agus ceithir feunan agus ochd daimh thug e do mhic Mherari, a rèir an seirbhis, fo làimh Itamair mhic Aaroin an sagart.

9Ach do mhic Chohait cha tug e aon air bith; a chionn gum b’i seirbhis an ionaid naoimh a bhuineadh dhaibh-san, gun giùlaineadh iad air an guaillean.

10Agus thug na ceannardan seachad tabhartas a‑chum coisrigeadh na h‑altarach, air an là anns an d’ungadh i: thug eadhon na ceannardan seachad an tabhartas air beulaibh na h‑altarach.

11Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Bheir gach ceannard seachad a thabhartas air a là fhèin, a‑chum coisrigeadh na h‑altarach.

12Agus esan a thug seachad a thabhartas air a’ chiad là, b’e Nahson mac Aminadaib, de threubh Iùdah.

13Agus b’e a thabhartas aon mhias airgid, dom bu chudthrom ceud agus deich seceil ar fhichead, aon chuach airgid de dheich agus trì-fichead secel, a rèir secel an ionaid naoimh, iad le chèile làn de fhlùr mìn measgte le ola, a‑chum tabhartais-bìdh:

14Aon spàin de dheich seceil òir, làn de thùis:

15Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan den chiad bhliadhna, a‑chum ìobairt-loisgte:

16Aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt-pheacaidh:

17Agus a‑chum ìobairt nan tabhartas-sìth, dà tharbh, còig reitheachan, còig buic-ghoibhre, còig uain den chiad bhliadhna. B’e seo tabhartas Nahsoin mhic Aminadaib.

18Air an dara là thug Mataneel mac Shuair, ceannard Isachair, seachad tabhartas.

19Thug e seachad mar a thabhartas aon mhias airgid, dom bu chudthrom ceud agus deich seceil ar fhichead, aon chuach airgid de dheich agus trì-fichead secel, a rèir secel an ionaid naoimh, iad le chèile làn de fhlùr mìn measgte le ola, a‑chum tabhartais-bìdh:

20Aon spàin òir de dheich seceil, làn de thùis:

21Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan den chiad bhliadhna, a‑chum ìobairt-loisgte:

22Aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt-pheacaidh:

23Agus a‑chum ìobairt nan tabhartas-sìth, dà tharbh, còig reitheachan, còig buic-ghoibhre, còig uain den chiad bhliadhna. B’e seo tabhartas Nàtaneeil mhic Shuair.

24Air an treas là thug Eliab mac Heloin, ceannard chloinn Shebuluin, seachad tabhartas.

25B’e a thabhartas-san aon mhias airgid, dom bu chudthrom ceud agus deich seceil ar fhichead, aon chuach airgid de dheich agus trì-fichead secel, a rèir secel an ionaid naoimh, iad le chèile làn de fhlùr mìn measgte le ola, a‑chum tabhartais-bìdh:

26Aon spàin òir de dheich seceil, làn de thùis:

27Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan den chiad bhliadhna, a‑chum ìobairt-loisgte:

28Aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt-pheacaidh:

29Agus a‑chum ìobairt nan tabhartas-sìth, dà tharbh, còig reitheachan, còig buic-ghoibhre, còig uain den chiad bhliadhna. B’e seo tabhartas Eliaib mhic Heloin.

30Air a’ cheathramh là thug Elisur mac Shedeuir, ceannard chloinn Reubein, seachad tabhartas.

31B’e a thabhartas aon mhias airgid de cheud agus deich seceil ar fhichead, aon chuach airgid de dheich agus trì-fichead secel, a rèir secel an ionaid naoimh, iad le chèile làn de fhlùr mìn measgte le ola, a‑chum tabhartais-bìdh:

32Aon spàin òir de dheich seceil, làn de thùis:

33Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan den chiad bhliadhna, a‑chum ìobairt-loisgte:

34Aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt-pheacaidh:

35Agus a‑chum ìobairt nan tabhartas-sìth, dà tharbh, còig reitheachan, còig buic-ghoibhre, còig uain den chiad bhliadhna. B’e seo tabhartas Elisuir mhic Shedeuir.

36Air a’ chòigeamh là thug Selumiel mac Shurisadai, ceannard chloinn Shimeoin, seachad tabhartas.

37B’e a thabhartas-san aon mhias airgid, dom bu chudthrom ceud agus deich seceil ar fhichead, aon chuach airgid de dheich agus trì-fichead secel, a rèir secel an ionaid naoimh, iad le chèile làn de fhlùr mìn measgte le ola, a‑chum tabhartais-bìdh:

38Aon spàin òir de dheich seceil, làn de thùis:

39Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan den chiad bhliadhna, a‑chum ìobairt-loisgte:

40Aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt-pheacaidh:

41Agus a‑chum ìobairt nan tabhartas-sìth, dà tharbh, còig reitheachan, còig buic-ghoibhre, còig uain den chiad bhliadhna. B’e seo tabhartas Shelumieil mhic Shurisadal.

42Air an t‑siathamh là thug Eliasaph mac Dheueil, ceannard chloinn Ghad, seachad tabhartas.

43B’e a thabhartas-san aon mhias airgid, dom bu chudthrom ceud agus deich seceil ar fichead, aon chuach airgid de dheich agus trì-fichead secel, a rèir secel an ionaid naoimh, iad le chèile làn de fhlùr mìn measgte le ola, a‑chum tabhartais-bìdh:

44Aon spàin òir de dheich seceil, làn de thùis:

45Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan den chiad bhliadhna, a‑chum ìobairt-loisgte:

46Aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt-pheacaidh:

47Agus a‑chum ìobairt nan tabhartas-sìth, dà tharbh, còig reitheachan, còig buic-ghoibhre, còig uain den chiad bhliadhna. B’e seo tabhartas Eliasaiph mhic Dheueil.

48Air an t‑seachdamh là thug Elisama mac Amihuid, ceannard chloinn Ephraim, seachad tabhartas.

49B’e a thabhartas-san aon mhias airgid, dom bu chudthrom ceud agus deich seceil ar fichead, aon chuach airgid de dheich agus trì-fichead secel, a rèir secel an ionaid naoimh, iad le chèile làn de fhlùr mìn measgte le ola, a‑chum tabhartais-bìdh:

50Aon spàin òir de dheich seceil, làn de thùis:

51Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan den chiad bhliadhna, a‑chum ìobairt-loisgte:

52Aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt-pheacaidh:

53Agus a‑chum ìobairt nan tabhartas-sìth, dà tharbh, còig reitheachan, còig buic-ghoibhre, còig uain den chiad bhliadhna. B’e seo tabhartas Elisama mhic Amihuid.

54Air an ochdamh là thug Gamaliel mac Phedahsuir, ceannard chloinn Mhanaseh, seachad tabhartas.

55B’e a thabhartas-san aon mhias airgid de cheud agus deich seceil ar fichead, aon chuach airgid de dheich agus trì-fichead secel, a rèir secel an ionaid naoimh, iad le chèile làn de fhlùr mìn measgte le ola, a‑chum tabhartais-bìdh:

56Aon spàin òir de dheich seceil, làn de thùis:

57Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan den chiad bhliadhna, a‑chum ìobairt-loisgte:

58Aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt-pheacaidh:

59Agus a‑chum ìobairt nan tabhartas-sìth, dà tharbh, còig reitheachan, còig buic-ghoibhre, còig uain den chiad bhliadhna. B’e seo tabhartas Ghamalieil mhic Phedahsuir.

60Air an naoidheamh là thug Abidan mac Ghideoni, ceannard chloinn Bheniàmin, seachad tabhartas.

61B’e a thabhartas-san aon mhias airgid, dom bu chudthrom ceud agus deich seceil ar fichead, aon chuach airgid de dheich agus trì-fichead secel, a rèir secel an ionaid naoimh, iad le chèile làn de fhlùr mìn measgte le ola, a‑chum tabhartais-bìdh:

62Aon spàin òir de dheich seceil, làn de thùis:

63Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan den chiad bhliadhna, a‑chum ìobairt-loisgte:

64Aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt-pheacaidh:

65Agus a‑chum ìobairt nan tabhartas-sìth, dà tharbh, còig reitheachan, còig buic-ghoibhre, còig uain den chiad bhliadhna. B’e seo tabhartas Abidain mhic Ghideoni.

66Air an deicheamh là thug Ahieser mac Amisadai, ceannard chloinn Dhan, seachad tabhartas.

67B’e a thabhartas-san aon mhias airgid, dom bu chudthrom ceud agus deich seceil ar fichead, aon chuach airgid de dheich agus trì-fichead secel, a rèir secel an ionaid naoimh, iad le chèile làn de fhlùr mìn measgte le ola, a‑chum tabhartais-bìdh:

68Aon spàin òir de dheich seceil, làn de thùis:

69Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan den chiad bhliadhna, a‑chum ìobairt-loisgte:

70Aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt-pheacaidh:

71Agus a‑chum ìobairt nan tabhartas-sìth, dà tharbh, còig reitheachan, còig buic-ghoibhre, còig uain den chiad bhliadhna. B’e seo tabhartas Ahieseir mhic Amisadai.

72Air an aon-là‑deug thug Pagiel mac Ocrain, ceannard chloinn Aseir, seachad tabhartas.

73B’e a thabhartas-san aon mhias airgid, dom bu chudthrom ceud agus deich seceil ar fichead, aon chuach airgid de dheich agus trì-fichead secel, a rèir secel an ionaid naoimh, iad le chèile làn de fhlùr mìn measgte le ola, a‑chum tabhartais-bìdh:

74Aon spàin òir de dheich seceil, làn de thùis:

75Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan den chiad bhliadhna, a‑chum ìobairt-loisgte:

76Aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt-pheacaidh:

77Agus a‑chum ìobairt nan tabhartas-sìthe, dà tharbh, còig reitheachan, còig buic-ghoibhre, còig uain den chiad bhliadhna. B’e seo tabhartas Phagieil mhic Ocrain.

78Air an dara-là‑deug thug Ahira mac Enain, ceannard chloinn Naphtali, seachad tabhartas.

79B’e a thabhartas-san aon mhias airgid, dom bu chudthrom ceud agus deich seceil ar fichead, aon chuach airgid de dheich agus trì-fichead secel, a rèir secel an ionaid naoimh, iad le chèile làn de fhlùr mìn measgte le ola, a‑chum tabhartais-bìdh:

80Aon spàin òir de dheich seceil, làn de thùis:

81Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan den chiad bhliadhna, a‑chum ìobairt-loisgte:

82Aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt-pheacaidh:

83Agus a‑chum ìobairt nan tabhartas-sìth, dà tharbh, còig reitheachan, còig buic-ghoibhre, còig uain den chiad bhliadhna. B’e seo tabhartas Ahira mhic Enain.

84B’e seo coisrigeadh na h‑altarach (anns an là anns an d’ungadh i) le ceannardan Israeil: dà‑mhias-dheug airgid, dà‑chuaich-dheug airgid, dà‑spàin-dheug òir:

85B’e cudthrom gach mèis airgid ceud agus deich seceil ar fhichead, agus gach cuaiche deich agus trì-fichead: b’e cudthrom nan soithichean airgid uile, dà mhìle agus ceithir cheud seceil, a rèir secel an ionaid naoimh.

86Bha dà‑spàin-dheug òir ann, làn de thùis, cudthrom gach aon fa leth deich seceil, a rèir secel an ionaid naoimh: b’e òr nan spàinean uile ceud agus fichead secel.

87B’iad na tairbh uile a‑chum ìobairt-loisgte dà‑tharbh-dheug, na reitheachan a dhà-dheug, na h‑uain den chiad bhliadhna a dhà-dheug, maille rin tabhartas-bìdh: agus na minn de na gobhair a‑chum ìobairt-pheacaidh a dhà-dheug.

88Agus b’iad na tairbh uile, a‑chum ìobairt nan tabhartas-sìth, ceithir tairbh ar fhichead, na reitheachan trì-fichead, na buic-ghoibhre trì-fichead, na h‑uain den chiad bhliadhna trì-fichead. B’e seo coisrigeadh na h‑altarach, an dèidh dhi a bhith air a h‑ungadh.

89Agus nuair a chaidh Maois a‑steach do phàillean a’ choitheanail, a labhairt ris, an sin chuala e guth aoin a’ labhairt ris o uachdar na cathair-thròcair a bha os cionn àirc na Fianais, o eadar an dà cherub; agus labhair e ris.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index