Search form

Àireamh 9

1Agus labhair an Tighearna ri Maois ann am fàsach Shinài, anns a’ chiad mhìos den dara bliadhna an dèidh dhaibh teachd a‑mach à tìr na h‑Eiphit, ag ràdh,

2Cumadh, mar an ceudna, clann Israeil a’ chàisg na h‑àm suidhichte fhèin.

3Anns a’ cheathramh-là‑deug den mhìos seo, air feasgar, cumaidh sibh i na h‑àm suidhichte fhèin, a rèir a h‑òrdaighean uile, agus a rèir a deas-ghnàthan uile, cumaidh sibh i.

4Agus labhair Maois ri cloinn Israeil, iad a chumail na càisge.

5Agus chùm iad a’ chàisg air a’ cheathramh-là‑deug den chiad mhìos air feasgar, ann am fàsach Shinài: a rèir gach nì a dh’àithn an Tighearna do Mhaois, mar sin rinn clann Israeil.

6Agus bha daoine àraidh a shalaicheadh le corp duine mhairbh, air chor is nach b’urrainn iad a’ chàisg a chumail air an là sin; agus thàinig iad an làthair Mhaois agus an làthair Aaroin air an là sin.

7Agus thubhairt na daoine sin ris, Tha sinne air ar salachadh le corp duine mhairbh: carson a chumar air ar n‑ais sinn, a‑chum is nach faod sinn tabhartas an Tighearna a thoirt seachad na àm suidhichte fhèin am measg chloinn Israeil?

8Agus thubhart Maois riu, Seasaibh an sin, agus cluinnidh mise ciod a dh’àithneas an Tighearna dur taobh.

9Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

10Labhair ri cloinn Israeil, ag ràdh, Ma bhios duine sam bith dhibh, no de ur sliochd, air a shalachadh le corp marbh, no ma bhios e air thuras fad air astar, gidheadh cumaidh e a’ chàisg don Tighearna.

11Anns a’ cheathramh-là‑deug den dara mìos air feasgar cumaidh iad i: le aran neo-ghortaichte, agus le lusan searbha ithidh iad i.

12Chan fhàg iad a’ bheag dhith gu madainn, cha mhò a bhriseas iad cnàimh dhith: a rèir uile òrdaighean na càisge cumaidh iad i.

13Ach an duine a tha glan, agus nach eil air thuras, agus a dhearmadas a’ chàisg a chumail; gearrar eadhon an t‑anam sin fhèin as o a shluagh, a chionn nach tug e seachad tabhartas an Tighearna na àm suidhichte: giùlainidh an duine sin a pheacadh.

14Agus ma bhios coigreach air chuairt nur measg, agus gun cùm e a’ chàisg don Tighearna, a rèir òrdagh na càisge, agus a rèir a gnàtha, mar sin nì e: bidh aon òrdagh agaibh araon airson a’ choigrich, agus air a shon-san a rugadh anns an tìr.

15Agus air an là anns an do thogadh suas am pàillean, chòmhdaich an neul am pàillean, eadhon bùth na Fianais; agus air feasgar bha air a’ phàillean mar gum bu choslas teine gus a’ mhadainn.

16Mar sin bha e a‑ghnàth: chòmhdaich an neul e anns an là, agus coslas teine anns an oidhche.

17Agus nuair a thogadh an neul suas on phàillean, an sin gun dàil ghabh clann Israeil an turas: agus anns an ionad anns an do stad an neul, ann an sin champaich clann Israeil.

18Air àithne an Tighearna ghabh clann Israeil an turas, agus air àithne an Tighearna champaich iad: am feadh is a dh’fhan an neul air a’ phàillean, dh’fhan iad nam bùthan.

19Agus nuair a dh’fhan an neul air a’ phàillean mòran de làithean, an sin ghlèidh clann Israeil freasdal an Tighearna, agus cha d’imich iad.

20Agus nuair a bha an neul beagan de làithean air a’ phàillean, a rèir àithne an Tighearna dh’fhan iad nam bùthan, agus a rèir àithne an Tighearna ghabh iad an turas.

21Agus nuair a dh’fhan an neul o fheasgar gu madainn, agus a thogadh an neul suas anns a’ mhadainn, an sin ghabh iad an turas: ma b’ann anns an là no anns an oidhche a thogadh an neul suas, ghabh iad an turas.

22No co‑dhiù a b’ann dà là, no mìos, no bliadhna, a dh’fhan an neul air a’ phàillean, a’ fuireach air, dh’fhan clann Israeil nam bùthan, agus cha d’imich iad: ach nuair a thogadh suas e, ghabh iad an turas.

23A rèir àithne an Tighearna dh’fhan iad nam bùthan, agus a rèir àithne an Tighearna ghabh iad an turas: ghlèidh iad freasdal an Tighearna, a rèir àithne an Tighearna le làimh Mhaois.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index