Search form

Soisgeul Mhata 1

1 Sinnsearachd, 18 gineamhainn, 21 breith, 23 agus mìneachadh ainm Chrìosd.

1Leabhar ginealach Iosa Crìosd+ , mhic Dhaibhidh+ mhic Abrahàim+ .

2Ghin Abrahàm Isaac+ , agus ghin Isaac Iàcob, agus ghin Iàcob Iùdas agus a bhràithrean+ ,

3Agus ghin Iùdas Phares+ agus Sara o Thamar, agus ghin Phares Esrom+ , agus ghin Esrom Aram+ ,

4Agus ghin Aram Aminadab, agus ghin Aminadab Naason+ , agus ghin Naason Salmon+ ,

5Agus ghin Salmon Bòas o Rachab+ , agus ghin Bòas Obed o Rut+ , agus ghin Obed Iese,

6Agus ghin Iese Daibhidh an rìgh+ , agus ghin Daibhidh an rìgh Solamh on mhnaoi a bha aig Urias,

7Agus ghin Solamh Rebòam+ , agus ghin Rebòam Abia, agus ghin Abia Asa,

8Agus ghin Asa Iosaphat, agus ghin Iosaphat Ioram, agus ghin Ioram Osias,

9Agus ghin Osias Ioatam, agus ghin Ioatam Achas, agus ghin Achas Esecias,

10Agus ghin Esecias Manases+ , agus ghin Manases Amon, agus ghin Amon Iosias,

11Agus ghin Iosias Iechonias agus a bhràithrean+ , mu àm an giùlain do Bhàbilon+ ;

12Agus an dèidh an toirt do Bhàbilon, ghin Iechonias Salatiel+ , agus ghin Salatiel Serobabel+ ,

13Agus ghin Serobabel Abiud, agus ghin Abiud Eliacim, agus ghin Eliacim Asor,

14Agus ghin Asor Sadoc, agus ghin Sadoc Achim, agus ghin Achim Eliud,

15Agus ghin Eliud Eleàsar, agus ghin Eleàsar Matan, agus ghin Matan Iàcob,

16Agus ghin Iàcob Iòseph+ , fear Mhuire+ , on do rugadh Iosa, den goirear Crìosd.

17Uime sin na ginealaichean uile o Abrahàm gu Daibhidh, is ceithir‐ginealaichean‐deug iad; agus o Dhaibhidh gu bruid Bhàbiloin, ceithir‐ginealaichean‐deug; agus o bhruid Bhàbiloin gu Crìosd, ceithir‐ginealaichean‐deug.

18Agus mar seo bha breith Iosa Crìosd+ : oir an dèidh do cheangal‐pòsaidh a bhith air a dhèanamh eadar a mhàthair Muire agus Iòseph, ro dhaibh teachd cuideachd, fhuaireadh torrach i on Spiorad Naomh.

19Ach air do Iòseph a fear a bhith na dhuine cothromach, agus gun toil aige ball‐sampaill a dhèanamh dhith+ , bu mhiann leis a cur uaithe os ìosal.

20Ach aig smaoineachadh nan nithean sin dha, feuch, dh’fhoillsich aingeal an Tighearna e fhèin dha ann am bruadar+ , ag ràdh, A Iòseiph, a mhic Dhaibhidh, na biodh eagal ort do bhean Muire a ghabhail ad ionnsaigh: oir an nì a tha air a ghineamhainn innte, is ann on Spiorad Naomh a tha e.

21Agus beiridh i mac, agus bheir thu Iosa mar ainm air; oir saoraidh e a shluagh fhèin om peacaidhean+ .

22(Agus rinneadh seo uile a‑chum gun coileante an nì a thubhairt an Tighearna leis an fhàidh+ , ag ràdh,

23Feuch, bidh maighdeann torrach, agus beiridh i mac, agus bheir iad Emanuel mar ainm air, is ionnan sin ri ràdh, air eadar‐theangachadh, Dia maille rinn+ .)

24Agus air mosgladh do Iòseph as a chadal, rinn e mar a dh’iarr aingeal an Tighearna air, agus ghabh e da ionnsaigh a bhean:

25Agus cha d’aithnich e i gus an do rug i a ciad‐ghin mic+ ; agus thug e Iosa mar ainm air+ .

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 2017

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017

© Scottish Bible Society 2017

More Info | Version Index