Search form

Salm 23

Dh’earb Daibhidh à freasdal agus à maitheas Dhè.

Salm le Daibhidh.

1Is e an Tighearna mo bhuachaille+ ; cha bhi mi ann an dìth+ .

2Ann an cluainean glasa bheir e orm laighe sìos+ ; làimh ri uisgeachan ciùine treòraichidh e mi+ .

3Aisigidh e m’anam; treòraichidh e mi air slighean na fìreantachd air sgàth a ainme fhèin.

4Seadh, ged shiubhail mi tro ghleann sgàil a’ bhàis+ , cha bhi eagal uilc orm, oir tha thusa maille rium+ ; bheir do shlat agus do lorg comhfhurtachd dhomh.

5Deasaichidh tu bòrd fam chomhair ann am fianais mo naimhdean; dh’ung thu le ola mo cheann+ ; tha mo chupan a’ cur thairis.

6Gu cinnteach leanaidh math agus tròcair mi uile làithean mo bheatha; agus còmhnaichidh mi ann an taigh an Tighearna fad mo làithean.

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 2017

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017

© Scottish Bible Society 2017

More Info | Version Index