Search form

Sailm Dhaibhidh 23

SALM XXIII.

1Is e Dia fhèin as buachaill dhomh,

cha bhi mi ann an dìth.

2Bheir e fa‑near gun laighinn sìos

air cluainibh glas' le sìth:

Is fòs ri taobh nan aibhnichean

thèid seachad sìos gu mall,

A ta e ga mo threòrachadh,

gu mìn rèidh anns gach ball.

3Tha 'g aiseag m'anam dhomh air ais:

's a' treòrachadh mo cheum

Air slighibh glan' na fìreantachd,

air sgàth dheagh ainme fhèin.

4Seadh, fòs ged ghluaisinn eadhon trìd

ghlinn dorcha sgàil' a' bhàis,

Aon olc no urchuid a theachd orm

chan eagal leam 's cha chàs;

Airson gu bheil thu leam a‑ghnàth,

do lorg, 's do bhata treun,

Tha iad a' tabhairt comhfhurtachd

is fuasglaidh dhomh am fheum.

5Dhomh dheasaich bòrd air beul mo nàmh:

le ola dh'ung mo cheann;

Cur thairis tha mo chupan fòs,

aig meud an làin a th'ann.

6Ach leanaidh math is tròcair rium,

an cian a bhios mi beò;

Is còmhnaicheam an àros Dhè,

ri fad mo rè 's mo lò.

Sailm Dhaibhidh 1826 (le litreachadh ùr 2000)

© Comann Bhìoball na h-Alba 2000, 2016
© Scottish Bible Society 2000, 2016

More Info | Version Index